2 Eachdraidh 32 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An dèidh nan nithean seo agus nuair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e a‑steach do Iùdah, agus champaich e an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus shònraich e air an cosnadh dha fhèin. 2 Agus nuair a chunnaic Heseciah gun tàinig Senacherib, agus gu robh e a’ cur roimhe cogadh an aghaidh Ierusaleim, 3 Chuir e a chomhairle ra uachdarain agus ra dhaoine cumhachdach, uisgeachan nan tobar a bha an taobh a‑muigh den bhaile a dhùnadh suas; agus chuidich iad leis. 4 Agus chruinnich sluagh mòr, agus dhùin iad suas na tobraichean uile, agus na sruthain a bha a’ ruith ann am meadhon na tìre, ag ràdh, Carson a thigeadh rìghrean Asiria, agus a gheibheadh iad mòran uisge? 5 Agus dhaingnich e e fhèin, agus thog e am balla uile a chaidh a bhriseadh, agus chuir e suas tùir air, agus balla eile air an taobh a‑muigh, agus dhaingnich e Milo, baile Dhaibhidh, agus rinn e gathan agus targaidean ann am pailteas. 6 Agus chuir e ceannardan-cogaidh os cionn an t‑sluaigh, agus chruinnich e iad da ionnsaigh ann an sràid geata a’ bhaile, agus labhair e rin cridhe, ag ràdh, 7 Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis-san. 8 Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah. 9 Na dhèidh seo chuir Senacherib rìgh Asiria a sheirbhisich gu Ierusalem (oir bha e fhèin aig Lachis, agus a neart uile maille ris), a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah, agus a dh’ionnsaigh Iùdah uile, a bha aig Ierusalem, ag ràdh, 10 Mar seo tha Senacherib rìgh Asiria ag ràdh, Cia as a tha sibh ag earbsa, agus sibh a’ fantainn nur daingneach ann an Ierusalem? 11 Nach eil Heseciah gur comhairleachadh sibh fhèin a thoirt thairis gu bàs le gorta agus le tart, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna ar Dia sinn à làimh rìgh Asiria? 12 Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre? 13 Nach eil fhios agaibh ciod a rinn mise agus m’athraichean ri uile shluagh nan dùthchannan? An robh diathan cinnich nan tìrean sin comasach air an tìr fhèin a shaoradh as mo làimh-sa? 14 Cò am measg uile dhiathan nan cinneach sin a sgrios m’athraichean-sa gu tur a b’urrainn a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, gum biodh ur Dia-se comasach air ur saoradh as mo làimh? 15 A‑nis, matà, na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh e sibh mar seo, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, agus à làimh m’athraichean; nach lugha gu mòr na sin as urrainn ur Dia-se ur saoradh as mo làimh? 16 Agus labhair a sheirbhisich tuilleadh is seo an aghaidh an Tighearna Dia, agus an aghaidh a sheirbhisich Heseciah. 17 Sgrìobh e mar an ceudna litrichean a chàineadh an Tighearna Dia Israeil, agus a labhairt na aghaidh, ag ràdh, Mar nach do shaor diathan cinnich nan dùthchannan an sluagh as mo làimh-sa, mar sin cha saor Dia Heseciah a shluagh as mo làimh. 18 Ghlaodh iad cuideachd le guth àrd anns a’ chànain Iùdhaich ri sluagh Ierusaleim a bha air a’ bhalla, gu eagal agus buaireas a chur orra a‑chum gun glacadh iad am baile. 19 Agus labhair iad an aghaidh Dia Ierusaleim mar an aghaidh diathan sluagh na talmhainn, obraichean làmhan dhaoine. 20 Agus rinn Heseciah an rìgh agus am fàidh Isaiah mac Amois, ùrnaigh airson seo, agus ghlaodh iad gu nèamh. 21 Agus chuir an Tighearna aingeal uaithe, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain ann an camp rìgh Asiria: uime sin thill e le nàire gnùise da thìr fhèin. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh a dhè, mharbh iadsan a thàinig a‑mach as a innibh fhèin e an sin leis a’ chlaidheamh. 22 Mar seo shaor an Tighearna Heseciah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim à làimh Shenacherib rìgh Asiria, agus à làimh nan uile, agus stiùir e iad air gach taobh. 23 Agus thug mòran tabhartasan a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Ierusalem, agus tìodhlacan a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah: agus dh’àrdaicheadh e ann an sùilean nan uile chinneach na dhèidh sin. 24 Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna: agus dh’èisd esan ris, agus thug e comharradh dha. 25 Ach cha d’ìoc Heseciah a‑rìs a rèir mar a bhuilicheadh air: oir thogadh a chridhe suas: agus bha fearg ris, agus ri Iùdah agus Ierusalem. 26 Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah. 27 Agus bha aig Heseciah beartas agus urram ro‑mhòr: agus rinn e dha fhèin ionmhasan airson airgid, agus òir, agus chlachan luachmhor, agus spìosraidh, agus thargaidean, agus gach seud thaitnich; 28 Agus taighean-tasgaidh airson toradh an arbhair, agus an fhìona, agus na h‑ola; agus taighean airson gach gnè ainmhidh, agus mainnirean airson nan treud. 29 Agus rinn e dha fhèin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro‑mhòr. 30 Chuir Heseciah seo fhèin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h‑àird an iar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah na obraichean uile. 31 Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe. 32 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil. 33 Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd-àit-adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite. |