Eòin 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a ghabh Iosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e. 2 Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cò a pheacaich, an duine seo, no a phàrantan, gun do rugadh dall e? 3 Fhreagair Iosa, Cha do pheacaich aon chuid an duine seo, no a phàrantan: ach a‑chum gum foillsichte obraichean Dhè ann. 4 Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh. 5 Am feadh tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail. 6 Nuair a thubhairt e na nithean seo, chuir e sile air an talamh, agus rinn e criadh den t‑sile, agus sgaoil e a’ chriadh air sùilean an doill. 7 Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar-theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn. 8 Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce? 9 Thubhairt cuid, Is e seo e; cuid eile, Tha e cosmhail ris: thubhairt e fhèin, Is mi e. 10 Air an adhbhar sin thubhairt iad ris, Cionnas a dh’fhosgladh do shùilean? 11 Fhreagair esan agus thubhairt e, Rinn duine don ainm Iosa criadh, agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thubhairt e rium, Imich gu lochan Shilòaim, agus ionnlaid: agus dh’imich mi agus dh’ionnlaid mi, agus fhuair mi mo fhradharc. 12 An sin thubhairt iad ris, Càit a bheil e? Thubhairt esan, Chan aithne dhomh. 13 Thug iad a‑chum nam Pharasach esan a bha roimhe dall. 14 Agus b’i an t‑sàbaid a bha ann nuair a rinn Iosa a’ chriadh, agus a dh’fhosgail e shùilean. 15 An sin a‑rìs dh’fheòraich na Pharasaich dheth mar an ceudna cionnas a fhuair e a fhradharc. Agus thubhairt esan riu, Chuir e criadh air mo shùilean, agus dh’ionnlaid mi, agus tha mi a’ faicinn. 16 Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg. 17 Thubhairt iad a‑rìs ris an duine dhall, Ciod a tha thusa ag ràdh uime a‑thaobh gun d’fhosgail e do shùilean? Agus thubhairt esan, Is fàidh e. 18 Ach cha do chreid na h‑Iùdhaich ma thimcheall, gu robh e dall, agus gun d’fhuair e a fhradharc, gus an do ghairm iad pàrantan an tì a fhuair a fhradharc. 19 Agus dh’fheòraich iad dhiubh, ag ràdh, An e seo ur mac-se, a tha sibh ag ràdh a rugadh dall? Cionnas mas eadh a tha e a‑nis a’ faicinn? 20 Fhreagair a phàrantan iad agus thubhairt iad, Tha fhios againn gur e seo ar mac, agus gun do rugadh dall e: 21 Ach cionnas a tha e nis a’ faicinn, chan eil fhios againn; no cò a dh’fhosgail a shùilean, chan aithne dhuinn: tha e fhèin air teachd gu aois, feòraichibh dheth, labhraidh e air a shon fhèin. 22 Thubhairt a phàrantan na briathran seo, a chionn gu robh eagal nan Iùdhach orra; oir shuidhich na h‑Iùdhaich cheana eatorra fhèin, nan aidicheadh duine sam bith gum b’esan Crìosd, gun rachadh a chur as an t‑sionagog. 23 Air an adhbhar sin thubhairt a phàrantan, Tha e air teachd gu aois, feòraichibh dheth fhèin. 24 Air an adhbhar sin ghairm iad an dara uair an duine a bha dall, agus thubhairt iad ris, Thoir glòir do Dhia: tha fhios againn gur peacach an duine seo. 25 An sin fhreagair esan agus thubhairt e, Am peacach e chan aithne dhomh: air aon nì tha fhios agam, air dhomh a bhith dall, gu bheil mi a‑nis a’ faicinn. 26 Ach thubhairt iad ris a‑rìs, Ciod a rinn e dhut? Cionnas a dh’fhosgail e do shùilean? 27 Fhreagair e iad, Dh’innis mi dhuibh cheana, agus cha d’èisd sibh; carson a b’àill leibh a chluinntinn a‑rìs? A bheil a’ mhiann oirbhse a bhith nur deisciobail aige mar an ceudna? 28 An sin chàin iad e, agus thubhairt iad, Is tusa a dheisciobal; ach is sinne deisciobail Mhaois. 29 Tha fhios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach mu thimcheall an fhir seo, chan eil fhios againn cia as dha. 30 Fhreagair an duine agus thubhairt e riu, An seo tha nì iongantach, nach eil fhios agaibh cia as dha, agus gun d’fhosgail e mo shùilean; 31 Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear-adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris-san èisdidh e. 32 O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun d’fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall. 33 Mura biodh an duine seo o Dhia, cha b’urrainn e nì sam bith a dhèanamh. 34 Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Rugadh thusa uile ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg-ne? Agus thilg iad a‑mach e. 35 Chuala Iosa gun do thilg iad a‑mach e: agus air dha a fhaotainn, thubhairt e ris, A bheil thu a’ creidsinn ann am Mac Dhè? 36 Fhreagair esan agus thubhairt e, Cò e, a Thighearna, a‑chum gun creid mi ann? 37 Agus thubhairt Iosa ris, Chunnaic thu araon e, agus an tì a tha a’ labhairt riut, is esan e. 38 Agus thubhairt esan, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna. Agus rinn e adhradh dha. 39 Agus thubhairt Iosa, Is ann a‑chum breitheanais a thàinig mise a‑chum an t‑saoghail seo, a‑chum iadsan nach eil a’ faicinn, gum faiceadh iad; agus gum biodh iadsan a tha a’ faicinn, air an dèanamh dall. 40 Agus chuala cuid de na Pharasaich, a bha maille ris, na nithean seo, agus thubhairt iad ris, A bheil sinne dall mar an ceudna? 41 Thubhairt Iosa riu, Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh ach a‑nis tha sibh ag ràdh, Is lèir dhuinn; uime sin tha ur peacadh a’ fantainn. |