Earrannan Bìoball

Sanasan


Fo-roinn

Rannan Mu Idolatraidh


Salm 34:18

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.

Salm 18:6

Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.

Salm 20:1

Gun èisdeadh an Tighearna riut ann an là teanntachd! Gun cumadh ainm Dia Iàcoib suas thu!

Eòin 16:33

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Nahum 1:7

Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

Salm 9:18

Oir cha dìochuimhnichear an t‑ainnis gu bràth; cha tèid as do dhòchas nam bochd gu sìorraidh.

Salm 31:24

Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

Iob 14:7

Oir tha dòchas à craoibh, ma ghearrar sìos i, gum fàs i a‑rìs, agus nach fàilnich a faillean òg.

Philipianach 4:13

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Salm 27:1

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Eòin 14:27

Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.

Salm 56:3-4

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.

Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

Salm 37:39

Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd;

Salm 42:11

Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.

Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Salm 55:16-18

Glaodhaidh mise ri Dia, agus saoraidh Iehòbhah mi.

Air feasgar, air madainn agus aig meadhon-là nì mi ùrnaigh, agus glaodhaidh mi gu h‑àrd; agus èisdidh esan rim ghuth.

Saoraidh e m’anam ann an sìth on chòmhraig am aghaidh; oir is lìonmhor iad a tha a’ strì rium.

Ròmanaich 8:38-39

Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd,

No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.

1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Salm 56:3

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.

Ieremiah 32:27

Feuch, is mise an Tighearna, Dia na h‑uile fheòla, a bheil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ormsa?

2 Corintianach 4:8

Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas;

Salm 46:1-2

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge.

Lùcas 1:37

Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.

2 Timòteus 1:7

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Deuteronomi 31:8

Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.

Salm 119:25-26

Tha m’anam a’ leantainn ris an ùir; beòthaich mi a rèir d’fhacail.

Chuir mi an cèill do shlighean, agus dh’èisd thu rium; teagaisg dhomh do reachdan.

Gnàth-fhacal 18:10

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Salm 16:7-8

Beannaichidh mise an Tighearna, a thug comhairle orm; tha m’àirnean mar an ceudna gam theagasg an àm na h‑oidhche.

Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.

Salm 126:5-6

Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas.

Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.

Eabhraidhich 10:23

Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):

Sechariah 9:12

Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte.

Salm 62:8

Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.

1 Peadar 1:6

Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh;

Philipianach 4:4

Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.

Salm 62:5-6

A‑mhàin air Dia feith, O m’anam, oir is ann uaithesan a tha mo dhòchas.

Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear mi.

Salm 71:5

Oir is tusa mo dhòchas, a Thighearna Dhè, mo dhòigh om òige.

Salm 119:114

Is tusa m’ionad-falaich agus mo sgiath; as d’fhacal-sa tha m’earbsa.

Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Isaiah 43:2

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Ieremiah 29:11

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

Ròmanaich 5:3-5

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;

Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:

Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.

Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

2 Corintianach 4:16-18

Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.

Eabhraidhich 6:19

Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.

Tuireadh Ieremiah 3:21-23

Tha mi a’ gairm seo a‑rìs gum aire; uime sin tha dòchas agam.

Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean.

Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!

Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.

Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

1 Peadar 1:3

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Salm 130:5

Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.

Salm 146:5

Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,

Gnàth-fhacal 24:14

Mar sin bidh eòlas a’ ghliocais dod anam, ma gheibh thu e; agus nuair a thig do chrìoch, cha ghearrar as do dhòchas.

Salm 121:1-2

Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair.

Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Salm 119:50

Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.

Galàtianach 6:9

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

Colosianach 1:27

Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;

Ephèsianach 3:20-21

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,

Dhàsan gu robh glòir anns an eaglais tre Iosa Crìosd, air feadh gach uile linn, gu saoghal nan saoghal. Amen.

Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Salm 27:13-14

Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò.

Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.

Salm 118:24

Is e seo an là a rinn an Tighearna; dèanamaid gàirdeachas, agus bitheamaid ait air.

Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd: