Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 32 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna anns an deicheamh bliadhna de linn Shedeciah rìgh Iùdah (b’i sin an t‑ochdamh-bliadhna-deug de linn Nebuchadnesair):

2 Anns an àm anns an robh feachd rìgh Bhàbiloin a’ cuartachadh Ierusaleim, agus Ieremiah am fàidh air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain a bha ann an taigh rìgh Iùdah.

3 Oir dhruid Sedeciah rìgh Iùdah suas e, ag ràdh, Cuime a bheil thu ri fàistneachd, agus ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh esan i?

4 Agus cha tèid Sedeciah rìgh Iùdah as o làimh nan Caldèanach, ach bheirear suas e gu deimhinn do làimh rìgh Bhàbiloin, agus labhraidh e ris, beul ri beul, agus chì a shùilean a shùilean-san.

5 Agus bheir e leis Sedeciah gu Bàbilon, agus an sin bidh e gus an tig mise ga amharc, deir an Tighearna: ged ghleacas sibh ris na Caldèanaich, cha bhuadhaich sibh.

6 Agus thubhairt Ieremiah, Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

7 Feuch, thig Hanameel mac Shaluim, bràthair d’athar, dod ionnsaigh, ag ràdh, Ceannaich dhut fhèin m’achadh-sa a tha ann an Anatot, oir is leat còir a fhuasglaidh, gus a ceannach.

8 Agus thàinig Hanameel, mac bràthar-m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir-sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna.

9 Agus cheannaich mi achadh Hanameeil, mac bràthar-m’athar, a bha ann an Anatot, agus thomhais mi dha an t‑airgead, seachd-seceil-deug airgid.

10 Agus chuir mi mo làmh ris an sgrìobhadh, agus sheulaich mi e, agus ghabh mi fianaisean, agus thomhais mi an t‑airgead air a’ mheidh.

11 Agus ghabh mi dearbhadh a’ cheannaich, e sin anns an robh an gnothach agus na cùmhnantan seulaichte, agus e sin a bha fosgailte.

12 Agus thug mi dearbhadh a’ cheannaich do Bharuch mac Neriah, mhic Mhaaseiah, ann an sealladh Hanameeil mac bràthar-m’athar, agus an làthair nam fianaisean, a chuir an làmh ri leabhar a’ cheannaich, an làthair nan Iùdhach uile a bha nan suidhe ann an cùirt a’ phrìosain.

13 Agus thug mi earail theann do Bharuch nan làthair, ag ràdh,

14 Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Gabh na sgrìobhainnean seo, sgrìobhadh seo na ceannachd, araon e sin a tha seulaichte, agus an sgrìobhadh seo a tha fosgailte, agus cuir iad ann an soitheach creadha, a‑chum gum mair iad mòran làithean.

15 Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Sealbhaichear taighean, agus machraichean, agus fìonliosan anns an tìr seo fhathast.

16 A‑nis nuair a thug mi seachad sgrìobhadh na ceannachd do Bharuch mac Neriah, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh,

17 Ah, Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa nèamh agus an talamh led mhòr-chumhachd agus led ghàirdean sìnte a‑mach, agus chan eil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ort.

18 Taisbeanaidh tu coibhneas gràdhach do mhìltean, agus dìolaidh tu aingidheachd nan athraichean ann an uchd an cloinne nan dèidh; an Dia mòr, cumhachdach, don ainm Tighearna nan sluagh;

19 Mòr ann an comhairle, agus cumhachdach ann an gnìomh (oir tha do shùilean fosgailte air uile shlighean clann nan daoine, a thoirt do gach aon a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a ghnìomharan);

20 A dh’fhoillsich comharraidhean agus mìorbhailean ann an tìr na h‑Eiphit, agus am measg dhaoine, agus a rinn dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh;

21 Agus a thug a‑mach do shluagh Israel à tìr na h‑Eiphit le comharraidhean, agus le mìorbhailean, agus le làimh làidir, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhas mòr;

22 Agus a thug dhaibh am fearann seo, a mhionnaich thu don athraichean gun tugadh tu dhaibh, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil:

23 Agus thàinig iad a‑steach, agus shealbhaich iad e; ach cha tug iad gèill dod ghuth-sa, cha mhò a ghluais iad ann ad reachd; cha do rinn iad nì sam bith de na h‑uile nithean a dh’àithn thusa dhaibh a dhèanamh; uime sin thug thu an t‑olc seo uile orra.

24 Feuch na h‑innealan-brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.

25 Gidheadh thubhairt thu riumsa, O Thighearna Dhia, Ceannaich dhut fhèin an t‑achadh airson airgid, agus gabh fianaisean: nuair tha a’ chathair air a toirt thairis do làimh nan Caldèanach.

26 An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh,

27 Feuch, is mise an Tighearna, Dia na h‑uile fheòla, a bheil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ormsa?

28 Uime sin, mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh e i.

29 Agus thig na Caldèanaich a tha a’ cogadh an aghaidh na cathrach seo, agus cuiridh iad teine rithe, agus loisgidh iad i, maille ris na taighean air mullach an do loisg iad tùis do Bhàal, agus air an do dhòirt iad tabhartasan-dibhe a‑mach do dhiathan eile, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg.

30 Oir cha do rinn clann Israeil agus clann Iùdah ach olc a‑mhàin ann am fhianais-sa on òige; oir cha do rinn clann Israeil ach a‑mhàin mo bhrosnachadh gu feirg le obair an làmhan; deir an Tighearna.

31 Oir bha a’ chathair seo dhòmhsa na h‑adhbhar feirge agus corraich, on là anns an do thog iad i, eadhon gus an là‑an‑diugh; a‑chum gun atharraichinn i as mo shealladh;

32 Airson uile aingidheachd chloinn Israeil, agus chloinn Iùdah, a rinn iad a‑chum mise a bhrosnachadh gu corraich, iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, an sagartan, agus am fàidhean, agus muinntir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

33 Agus thionndaidh iad riumsa an cùl, agus chan i an aghaidh; ged a theagaisg mi iad, ag èirigh gu moch agus a’ teagasg, gidheadh cha d’èisd iadsan, a ghabhail teagaisg.

34 Ach shuidhich iad an gràinealachdan anns an taigh a tha air ainmeachadh ormsa, a‑chum a thruailleadh.

35 Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.

36 Agus a‑nis uime sin, mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, a‑thaobh na cathrach seo, mum bheil sibhse ag ràdh, Bidh i air a toirt thairis do làimh rìgh Bhàbiloin, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh:

37 Feuch, tionailidh mise iad as na h‑uile dhùthchannan gus an d’fhògair mi iad ann am chorraich, agus ann am bhoile, agus ann am mhòr-fheirg; agus bheir mi a‑chum an àite seo iad a‑rìs, agus bheir mi orra còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.

38 Agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia.

39 Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus aon slighe, a‑chum gum bi m’eagal-sa gu bràth orra, a‑chum an leas fhèin, agus leas an cloinne nan dèidh.

40 Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium.

41 Seadh, nì mi gàirdeachas os an cionn a‑chum math a dhèanamh dhaibh, agus suidhichidh mi iad anns an fhearann seo gu deimhinn, lem uile chridhe, agus lem uile anam.

42 Oir mar seo deir an Tighearna, Amhail a thug mi an t‑olc mòr seo uile air an t‑sluagh seo, is amhlaidh a bheir mi orra am math sin uile a gheall mi dhaibh.

43 Agus ceannaichear achaidhean anns an fhearann seo, mum bheil sibhse ag ràdh, Tha e fàs gun duine no ainmhidh: tha e air a thoirt do làimh nan Caldèanach.

44 Ceannaichidh daoine achaidhean airson airgid, agus cuiridh iad an làmh ri sgrìobhainnean, agus seulaichidh iad, agus gabhaidh iad fianaisean ann am fearann Bheniàmin, agus anns na h‑àiteachan dlùth do Ierusalem, agus ann am bailtean Iùdah, agus ann am bailtean nam beann, agus ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus ann am bailtean na h‑àird a deas: oir bheir mise air a h‑ais am bruid, deir an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan