Earrannan Bìoball

Sanasan


Fo-roinn

RANNAN DO DHAOINE OIG

A charaid òg, gabh tlachd agus aoibhneas anns na làithean neirt agad. Cuir gach latha gu feum ann am planaichean Dhè. Cleachd an neart a th' agad an-diugh, na bi a' faireachdainn beag air sgàth 's gu bheil thu òg.

Nuair a tha duine òg, bidh iomadh dragh ann mu'n àm ri teachd, 's uaireannan faodaidh tu a bhith fo throm chuideam. Ach gabh misneachd anns a' Chruthaichear agad, Dia. Tha e os cionn do bheatha. Iarr e le d' uile chridhe, agus naomhaich thu fhèin ann gach latha.

Bi nad eisimpleir gach latha ge bith càite an tèid thu, ann an gràdh, ann am facal, ann an giùlan, ann an creideamh, agus ann an glanachd. Tha Dia ag ràdh na fhacal gum bi an t-òganach a' glanadh a shlighe leis an fhacal. Leugh am Bìoball gach latha agus gheibh thu buaidh nad bheatha.

Cleachd gach mionaid gus a bhith faisg air d' Athair nèamhaidh, mus tig na làithean nach bi an aon tlachd no an aon neart no an aon ùine agad 's a tha an-diugh. Tha thu cudromach do Dhia. Tha plana foirfe aige airson do bheatha agus tha e airson a choileanadh annad. Iarr e agus cuiridh e a phlana annad.

(1 Timòteus 4:12) Na leig le duine sam bith do dhearmad air sgàth 's gu bheil thu òg, ach bi nad eisimpleir do na creidmhich ann am facal, ann an giùlan, ann an gaol, ann an spiorad, ann an creideamh, agus ann an glanachd.


2 Corintianach 6:14

Na cuing-cheanglar gu neo-chothromach sibh maille ri mì‑chreidmhich: oir ciod e caidreamh na fìreantachd ri neo-fhìreantachd? Agus ciod e comann an t‑solais ris an dorchadas?

Malachi 2:16

Oir is fuath leamsa esan a chuireas air falbh, tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh: agus esan a dh’fhalaicheas ainneart le a thrusgan, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Uime sin biodh faiceall agaibh air ur spiorad, nach buin sibh gu fealltach.

2 Timòteus 3:5

Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh-sa air falbh.

Deuteronomi 7:3-4

Cha mhò a nì thu cleamhnas riu; do nighean cha toir thu da mhac-san, cha mhò a ghabhas tu a nighean-san dod mhac-sa.

Oir tionndaidhidh iad do mhac o mise a leantainn, a‑chum gun dèan iad seirbhis do dhiathan eile: mar sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus sgriosaidh e thu gu h‑obann.

Amos 3:3

Am faod dithis imeachd le chèile, mura bi iad rèidh?

1 Tesalònianaich 4:7

Oir cha do ghairm Dia sinn gu neòghlaine, ach gu naomhachd.

3 Eòin 1:11

A bhràthair ghràdhaich, na lean an nì a tha olc, ach an nì a tha math. An tì a nì math is ann o Dhia a tha e; ach an tì a nì olc, chan fhaca e Dia.

Seumas 4:4

Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

1 Eòin 2:15

Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithean a tha anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann.

1 Corintianach 7:10-16

Agus dhaibhsan a tha pòsda tha mi ag àithneadh, gidheadh cha mhise, ach an Tighearna, gun a’ bhean a dhealachadh ra fear.

Ach ma dhealaicheas i, fanadh i gun phòsadh, no biodh i rèidh ra fear: agus na cuireadh am fear uaithe a bhean.

Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana-creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.

Agus a’ bhean aig a bheil fear ana-creidmheach, agus gu bheil esan toileach còmhnaidh a ghabhail maille rithe, na cuireadh i uaipe e.

Oir tha am fear ana-creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana-creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh.

Ach ma dh’fhalbhas am fear ana-creidmheach, falbhadh e. Chan eil bràthair no piuthar fo dhaorsa nan leithidean sin de chàsan: ach ghairm Dia sinn a‑chum sìthe.

Oir ciod am fios a tha agadsa, O bhean, nach saor thu d’fhear? No ciod am fios a tha agadsa, O fhir, nach saor thu do bhean?

2 Corintianach 6:14-15

Na cuing-cheanglar gu neo-chothromach sibh maille ri mì‑chreidmhich: oir ciod e caidreamh na fìreantachd ri neo-fhìreantachd? Agus ciod e comann an t‑solais ris an dorchadas?

Agus ciod an rèite a tha aig Crìosd ri Belial? No ciod i cuid a’ chreidmhich, maille ri ana-creidmheach?

Iosua 23:12-13

No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh-se:

Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

Deuteronomi 22:10

Cha dèan thu treabhadh le damh agus le asail maille ri chèile.

1 Corintianach 5:9

Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh ann an litir, gun choluadar a bhith agaibh ri luchd-neòghlaine:

1 Rìgh 11:2

De na cinnich mun dubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Cha tèid sibhse a‑steach dan ionnsaigh-san, cha mhò a thig iadsan a‑steach dur n‑ionnsaigh-se; oir gu deimhinn bheir iad air ur cridhe claonadh an dèidh an diathan: riu seo dhlùth-lean Solamh ann an gaol.

Marcus 7:23

Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.

1 Corintianach 7:39

Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna.

Esra 9:12

A‑nis, matà, na tugaibh ur nigheanan dam mic, agus an nigheanan-san na gabhaibh dur mic-se, agus na iarraibh an sìth no an saoibhreas gu bràth, a‑chum gum bi sibh làidir, agus gun ith sibh math an fhearainn, agus gum fàg sibh e na oighreachd dur cloinn gu bràth.

Galàtianach 5:1

Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.

Mata 11:29-30

Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.

Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Lebhiticus 18:20

Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha.

Gnàth-fhacal 13:20

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

1 Rìgh 11:2-3

De na cinnich mun dubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Cha tèid sibhse a‑steach dan ionnsaigh-san, cha mhò a thig iadsan a‑steach dur n‑ionnsaigh-se; oir gu deimhinn bheir iad air ur cridhe claonadh an dèidh an diathan: riu seo dhlùth-lean Solamh ann an gaol.

Agus rug piuthar Thahpeneis dha Genubat a mhac, a chuir Tahpenes bhàrr na cìche ann an taigh Phàraoh: agus bha Genubat ann an teaghlach Phàraoh am measg mic Phàraoh.

Agus nuair a chuala Hadad anns an Eiphit gun do chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus gu robh Ioab ceannard an t‑slòigh marbh, thubhairt Hadad ri Phàraoh, Leig dhomh imeachd, a‑chum gun tèid mi dom thìr fhèin.

Agus thubhairt Phàraoh ris, Ach ciod e a tha a dh’easbhaidh ort maille riumsa, gun iarradh tu, feuch, dol dod thìr fhèin? Agus fhreagair esan, Chan eil nì air bith, gidheadh leig dhomh falbh air gach aon chor.

Agus dhùisg Dia suas nàmhaid eile dha, Reson mac Eliadah, a theich o Hadareser, rìgh Shobah, a thighearna.

Agus chruinnich e daoine thuige, agus bha e na cheannard air buidhinn, nuair a mharbh Daibhidh iadsan o Shobah: agus chaidh iad do Dhamascas, agus chòmhnaich iad ann, agus rinn iad e na rìgh ann an Damascas.

Agus bha e na nàmhaid do Israel rè uile làithean Sholaimh, a thuilleadh air an olc a rinn Hadad: agus dh’fhuathaich e Israel, agus rìghich e os cionn Edoim.

Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.

Agus b’e seo an t‑adhbhar mun do thog e a làmh an aghaidh an rìgh: Thog Solamh Milo, agus chàraich e beàrnan baile Dhaibhidh a athair.

Agus bha an duine Ierobòam treun ann an neart: agus nuair a chunnaic Solamh gu robh an t‑òganach dèanadach, chuir e e os cionn uile luchd-giùlain uallach taigh Iòseiph.

Agus thachair anns an àm sin, air dol do Ierobòam a‑mach à Ierusalem, gun d’fhuair am fàidh Ahiah an Silonach e anns an t‑slighe, agus e sgeadaichte le trusgan ùr: agus bha iad nan dithis leo fhèin anns a’ mhachair.

Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh.

1 Rìgh 11:1

Agus bha gaol aig rìgh Solamh air mòran de mhnathan coimheach, a thuilleadh air nighean Phàraoh, ban-Mhòabaich, ban-Amonaich, ban-Edomaich, ban-Shidonaich, agus ban-Hitich;

Gnàth-fhacal 22:24-25

Na dèan suas càirdeas ris an fheargach; agus maille ri fear na h‑àrd-chorraich na imich:

Air eagal gun ionnsaich thu a shlighean, agus gum faigh thu ribe dod anam.

Nehemiah 13:23-27

Mar an ceudna, anns na làithean sin chunnaic mi Iùdhaich a phòs mnathan de Asdod, de Amon, agus de Mhòab.

Agus labhair an clann leth ann an cainnt Asdoid, agus cha b’urrainn iad labhairt ann an cainnt nan Iùdhach, ach a rèir cainnt an dà shluaigh.

Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic-san, agus nach gabhadh iad an nigheanan-san dam mic no dhaibh fhèin.

Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh.

An èisd sinn ribh, matà, gus an t‑olc mòr seo uile a dhèanamh, gu peacachadh an aghaidh ar Dè, le mnathan coimheach a phòsadh?

Seumas 4:17

Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha.

Ròmanaich 16:17

A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad.

Mata 6:24

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

Eòin 15:19

Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.

Salm 1:1-2

Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:

Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche.

Ròmanaich 12:2

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.

Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

1 Corintianach 6:14-16

Agus thog Dia araon an Tighearna suas, agus togaidh e sinne suas tre a chumhachd fhèin mar an ceudna.

Nach eil fhios agaibh gur iad ur cuirp buill Chrìosd? Uime sin an gabh mise buill Chrìosd, agus an dèan mi buill strìopaich dhiubh? Nar leigeadh Dia.

An e nach eil fhios agaibh, an tì sin a tha ceangailte ri strìopaich, gur aon chorp rithe e? Oir (tha e ag ràdh), bidh dithis nan aon fheòil.

1 Corintianach 15:33

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.

1 Peadar 5:8

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

2 Corintianach 6:17

Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

Taisbeanadh 18:4

Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com-pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean;

Ephèsianach 5:7-8

Na bithibh-se uime sin nur luchd-compàirt riu.

Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais;

Ephèsianach 5:11

Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.

1 Timòteus 5:22

Na leag do làmhan gu h‑obann air duine sam bith, agus na biodh com-pàirt agad de pheacaidhean dhaoine eile: coimhead thu fhèin glan.

2 Timòteus 2:22

Teich uime sin o ana-miannan na h‑òige: ach lean fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, maille riùsan a tha a’ gairm air an Tighearna o chridhe glan.

1 Peadar 1:14-16

Mar chloinn umhail, gun a bhith gur co‑chumadh fhèin ris na h‑ana-miannan a bha agaibh roimhe ann an àm ur n‑aineolais:

Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh-se naomh mar an ceudna nur n‑uile chaitheamh-beatha:

Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh-se naomh, oir tha mise naomh.

1 Eòin 2:15-17

Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithean a tha anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann.

Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal.

Agus siùbhlaidh an saoghal seachad, agus ana-miann: ach an tì a nì toil Dhè mairidh e a‑chaoidh.

Urnuigh ri Dia

A Dhè uile-chumhachdaich, dhutsa gu robh a' ghlòir 's an onair! A Dhè nèimh, tha mi tighinn a dh'iarraidh maitheanas ort. Tha mi duilich ma rinn mi dad airson do chiont'. Tha fios agam gun do choisich mi 's gun d' rinn mi rudan ann am fèin-thoil, 's mi a' dìochuimhneachadh dè rinn thu air mo shon 's dè an gaol mòr a th' agad orm. A Spioraid Naoimh, dòirt do chumhachd air mo bheatha 's thoir orm teicheadh bhon strìopachas 's bhon tràilleachd don phornagrafaidh. Cuidich mi ri obair mhath fhaighinn agus leasachadh a dhèanamh air mo bheatha tro ionnsachadh. A Thighearna, thoir dhomh gliocas anns a h-uile nì a nì mi, 's comas aithneachadh dè an t-slighe a tha thu air ullachadh dhomh. Thoir dhomh tuigse 's cridhe glic airson a' chom-pàirtiche cheart a lorg, na caraidean ceart a bhith agam 's airson coiseachd air an t-slighe cheart. Tha do fhacal ag ràdh, "Na leig le duine sam bith do dhèanamh beag air sgàth 's gu bheil thu òg. Ach bi nad eisimpleir do na creidmhich ann am briathran, ann an giùlan, ann an gaol, ann an creideamh, agus ann an naomhachd." Gum bi a h-uile rud a nì mi na mholadh 's na urram do d' ainm naomh. Saor mi bho bhith air mo tharraing leis an olc 's le sruthan an t-saoghail seo. Glèidh mi glan ann am chorp, 's ann an anam, 's ann an spiorad. Tha mi ag iarraidh a-nis gun cuir thu do chumhachd 's ungadh do Spioraid Naoimh orm. Dùin, a Thighearna, a h-uile doras a dh'fhosgail mi don nàmhaid, 's le d' ungadh a bhios a' leaghadh chuing, saor mi bhon thruailleachd. An ainm Ìosa. Amen.