Deuteronomi 22 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Nuair a chì thu damh do bhràthar no a chaora a’ dol air seachran, chan fhalaich thu thu fhèin uapa; bheir thu air gach aon chor air an ais iad a‑rìs a dh’ionnsaigh do bhràthar. 2 Agus mura bi do bhràthair làimh riut, no mura aithne dhut e, an sin bheir thu e a dh’ionnsaigh do thaighe fhèin, agus bidh e maille riut gus an iarr do bhràthair e, agus bheir thu air ais dha e. 3 Air a’ mhodh cheudna nì thu ra asail, agus mar seo nì thu ra aodach, agus mar seo nì thu ris na h‑uile nithean caillte led bhràthair, a chaill e, agus a fhuair thusa: chan fhaod thu thu fhèin fhalach. 4 Nuair a chì thu asal do bhràthar, no a dhamh, a’ tuiteam sìos air an t‑slighe, chan fhalaich thu thu fhèin uapa: gu cinnteach togaidh tu suas iad maille ris a‑rìs. 5 Cha chaith bean an nì sin as le fear, cha mhò a chuireas fear uime aodach mnà: oir is gràinealachd don Tighearna do Dhia iadsan uile a nì seo. 6 Ma thàrlas do nead eòin a bhith romhad anns an t‑slighe ann an craoibh sam bith, no air làr, mas eòin òga iad, no uibhean, agus a’ mhàthair na suidhe air an àlach, no air na h‑uibhean, cha ghlac thu a’ mhàthair maille ris an àlach: 7 Air gach aon chor leigidh tu leis a’ mhàthair dol as, agus an t‑àlach gabhaidh tu dhut fhèin; a‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum buanaich thu do làithean. 8 Nuair a thogas tu taigh nodha, an sin togaidh tu bàrr-bhalla da mhullach, a‑chum nach toir thu fuil air do thaigh, ma thuiteas duine sam bith o sin. 9 Cha chuir thu d’fhìonlios le iomadh gnè sìl, air eagal gun truaillear toradh do shìl a chuir thu, agus meas d’fhìonlios. 10 Cha dèan thu treabhadh le damh agus le asail maille ri chèile. 11 Cha chuir thu umad aodach measgte, mar de olainn agus de lìon le chèile. 12 Nì thu dhut fhèin fabhran air ceithir cheithreannan d’aodaich leis an còmhdaich thu thu fhèin. 13 Ma ghabhas duine bean, agus gun tèid e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus gum fuathaich e i, 14 Agus gun toir e adhbhar cainnte na h‑aghaidh, agus gun tog e suas droch ainm oirre, agus gun abair e, Ghabh mi a’ bhean seo, agus nuair a thàinig mi da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair mi na maighdinn i: 15 An sin gabhaidh athair na h‑ighinn, agus a màthair, agus bheir iad a‑mach comharraidhean maighdeanas na h‑ighinn gu seanairean a’ bhaile anns a’ gheata: 16 Agus their athair na h‑ighinn ris na seanairean, Thug mi mo nighean don duine seo na mnaoi, agus tha fuath aige dhi; 17 Agus, feuch, thug e adhbhar cainnte na h‑aghaidh, ag ràdh, Cha d’fhuair mi do nighean na maighdinn; agus gidheadh is iad sin comharraidhean maighdeanas mo nighinn: agus sgaoilidh iad an t‑aodach an làthair seanairean a’ bhaile. 18 Agus gabhaidh seanairean a’ bhaile sin an duine, agus smachdaichidh iad e: 19 Agus cuiridh iad ùnlagh ceud secel airgid air, agus bheir iad do athair na h‑ighinn iad, a chionn gun do thog e droch ainm air òigh de chloinn Israeil; agus bidh i na mnaoi aige: chan fhaod e a cur uaithe ra bheò. 20 Ach ma tha an nì seo fìor, agus nach eil comharraidhean maighdeanais rim faghail don nighinn; 21 An sin bheir iad a‑mach an nighean gu doras taigh a h‑athar, agus clachaidh daoine a baile i le clachan gus am bàsaich i; a chionn gun d’obraich i amaideachd ann an Israel, le strìopachas a dhèanamh ann an taigh a h‑athar: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg. 22 Ma gheibhear duine a’ laighe le mnaoi a tha pòsda ri fear, an sin cuirear gu bàs iad le chèile, an duine a laigh leis a’ mhnaoi, agus a’ bhean; mar sin cuiridh tu olc air falbh o Israel. 23 Ma tha nighean, agus i na h‑òigh, fo cheangal-pòsaidh aig fear, agus gum faigh duine i anns a’ bhaile, agus gun laigh e leatha; 24 An sin bheir sibh a‑mach iad le chèile gu geata a’ bhaile sin, agus clachaidh sibh iad le clachan gus am bàsaich iad; an nighean, a chionn nach do ghlaodh i, agus i a bhith anns a’ bhaile; agus am fear a chionn gun d’ìslich e bean a choimhearsnaich: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg. 25 Ach ma gheibh fear anns a’ mhachair nighean a tha fo cheangal-pòsaidh, agus gun èignich an duine i, agus gun laigh e leatha, an sin cuirear a‑mhàin an duine a laigh leatha gu bàs. 26 Ach air an nighinn cha dèan thu a’ bheag sam bith; chan eil anns an nighinn coire bàis: oir mar nuair a dh’èireas duine suas an aghaidh a choimhearsnaich, agus a mharbhas e e, mar sin tha a’ chùis seo: 27 Oir fhuair e anns a’ mhachair i, agus dh’èigh an nighean a bha fo cheangal-pòsaidh, agus cha robh neach ann ga teasairginn. 28 Ma gheibh duine nighean a tha na h‑òigh, nach eil fo cheangal-pòsaidh, agus gun dèan e greim oirre, agus gun laigh e leatha, agus gum faighear iad; 29 An sin bheir am fear a laigh leatha do athair na h‑ighinn lethcheud secel airgid, agus bidh i na mnaoi aige; a chionn gun d’ìslich e i, chan fhaod e a cur uaithe ra bheò. 30 Cha ghabh duine da ionnsaigh bean a athar, cha mhò a leigeas e ris còmhdachadh a athar. |