Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh, agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem.

2 Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.

3 Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul-aithris nan seanairean.

4 Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.

5 An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?

6 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall-se, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam.

7 Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.

8 Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh.

9 Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.

10 Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

11 Ach their sibhse, Ma their neach ra athair no ra mhàthair, Biodh e na Chorban, sin ri ràdh, na thìodhlac don teampall, ge bè nì leis am faigheadh tu tairbhe uamsa:

12 Nach leig sibh dha à sin suas nì sam bith a dhèanamh airson a athar, no a mhàthar;

13 A’ cur facal Dhè an neo-bhrìgh le ur beul-aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh.

14 Agus nuair a ghairm e an sluagh uile da ionnsaigh, thubhairt e riu, Eisdibh riumsa uile, agus tuigibh:

15 Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as, is iad sin a tha a’ salachadh an duine.

16 Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

17 Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.

18 Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?

19 Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.

20 Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.

21 Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,

22 Goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnas, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd:

23 Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.

24 Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.

25 Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;

26 (Agus bu bhana-Ghreugach a’ bhean, ban-Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.

27 Agus thubhairt Iosa rithe, Fuiling don chloinn air tùs a bhith air an sàsachadh: oir chan eil e iomchaidh aran na cloinne a ghabhail, agus a thilgeadh a‑chum nan con.

28 Agus fhreagair ise agus thubhairt i ris, Is fìor sin, a Thighearna: gidheadh, ithidh na coin fon bhòrd de spruilleach na cloinne.

29 Agus thubhairt esan rithe, Airson na cainnte seo fhèin, imich romhad; tha an deamhan air dol a‑mach as do nighinn.

30 Agus nuair a bha ise air teachd a dh’ionnsaigh a taighe, fhuair i an deamhan air dol a‑mach, agus a nighean air a cur na laighe air an leabaidh.

31 Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin, thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis.

32 Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air.

33 Agus thug e air leth on t‑sluagh e, agus chuir e a mheòir na chluasan, agus chuir e sileadh air, agus bhean e ra theangaidh.

34 Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.

35 Agus air ball dh’fhosgladh a chluasan, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair e gu ceart.

36 Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;

37 Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan