Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Timòteus 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd.

2 Agus na nithean a chuala tu uamsa am measg mòran fhianaisean, earb thusa na nithean sin fhèin ri daoine fìrinneach, a bhios iomchaidh daoine eile a theagasg mar an ceudna.

3 Fuiling thusa uime sin cruaidh-chàs, mar dheagh shaighdear Iosa Crìosd.

4 Cha dèan neach sam bith a leanas an cogadh e fhèin a ribeadh ann an gnothaichean na beatha seo: a‑chum gun toilich e an tì a thagh e gu bhith na shaighdear.

5 Agus mar an ceudna ged nì fear air bith spàirn, cha chrùnar e mura dèan e spàirn gu dligheach.

6 Is còir don treabhaiche a shaothraicheas air tùs, co‑roinn fhaotainn den toradh.

7 Smaoinich air na nithean a tha mi ag ràdh; agus gun tugadh an Tighearna dhut tuigse anns na h‑uile nithean.

8 Cuimhnich gun do thogadh o na mairbh Iosa Crìosd, de shìol Dhaibhidh, a rèir mo shoisgeil-sa;

9 Airson a bheil mise a’ fulang mar fhear droch-bheairt, eadhon gu gèimhlean; ach chan eil facal Dhè ceangailte.

10 Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh.

11 Is ràdh fìor seo, Ma bhàsaicheas sinn maille ris, gum bi sinn beò mar an ceudna maille ris:

12 Ma dh’fhuilingeas sinn, rìghichidh sinn mar an ceudna maille ris: ma dh’àicheas sinn e, àichidh esan sinne mar an ceudna:

13 Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.

14 Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun-os‑cionn an luchd-èisdeachd.

15 Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.

16 Ach seachainn faoin-chainnt mhì-naomh; oir thèid iad air aghaidh a‑chum an tuilleadh mì‑dhiadhachd.

17 Agus ithidh am facal mar chnàmhainn; dem bheil Himenèus agus Philètus;

18 Muinntir a‑thaobh na fìrinn a chaidh air seachran, ag ràdh gun deachaidh an aiseirigh cheana seachad; agus a tha a’ tilgeadh creideamh dream àraidh bun-os‑cionn.

19 Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.

20 Ach ann an taigh mòr chan e a‑mhàin gu bheil soithichean òir, agus airgid, ach mar an ceudna soithichean fiodha, agus creadha; agus cuid dhiubh a‑chum urraim, agus cuid eile a‑chum eas-urraim.

21 Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

22 Teich uime sin o ana-miannan na h‑òige: ach lean fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, maille riùsan a tha a’ gairm air an Tighearna o chridhe glan.

23 Ach seachainn ceistean amaideach agus neo-fhòghlaimte, air dhut fios a bhith agad gun tog iad connsachadh.

24 Agus chan fhaod òglach an Tighearna a bhith connspaideach; ach ciùin ris na h‑uile dhaoine, ealamh a‑chum teagaisg, foighidinneach,

25 Ann an ceannsachd a’ teagasg na dream a sheasas na aghaidh; a dh’fheuchainn an toir Dia uair air bith aithreachas dhaibh, a‑chum aidmheil na fìrinn;

26 Agus air mosgladh dhaibh gun tèid iad as o ribe an diabhail, aig a bheil iad air am beò-ghlacadh a‑chum a thoile.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan