Uaireannan bidh e doirbh tuigsinn dè tha Dia ag ràdh rinn tro a fhacal, oir tha ar n-inntinnean cuingealaichte.
Ach, tha a fhacal cumhachdach agus riatanach nad bheatha. Nuair a tha rudeigin doirbh a thuigsinn, thoir e gu Dia; tha mi cinnteach gun toir e soilleireachd dhut tron Spiorad Naomh a dh’fheumas tu.
Soillsichidh e thu le gliocas agus tuigse gus na dìomhaireachdan a tha na fhacal fhoillseachadh dhut. Tha e deatamach gun toir thu ùine chàileachdail dha leughadh, mar sin ùraichidh tu d’ inntinn agus tuigidh tu gu soilleir dè tha aig Dia dhutsa agus dhaibhsan a tha mun cuairt ort.
Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh, ach an tì a thàinig a‑nuas o nèamh, Mac an Duine a tha air nèamh.
Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.
Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.
Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo.
Ach cha ghabh an duine nàdarra ri nithean Spiorad Dhè: oir is amaideachd leis iad; agus chan eil e an comas dha eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad.
Agus nuair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhaibh, Agus ghin Nòah triùir mhac, Sem, Ham, agus Iàphet. Agus bha an talamh truaillidh am fianais Dhè, agus lìonadh an talamh le fòirneart. Agus dh’amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh. Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh. Dèan dhut fhèin àirc de fhiodh gopheir; seòmraichean nì thu anns an àirc, agus còmhdaichidh tu i a‑staigh agus a‑muigh le pic. Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh-choille fad na h‑àirce, lethcheud làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a h‑àirde. Uinneag nì thu don àirc, agus an làimh-choille crìochnaichidh tu i na mullach; agus doras na h‑àirce cuiridh tu na taobh; le lobhtachan ìochdarach, meadhonach, agus uachdarach nì thu i. Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs. Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut. Agus de gach uile nì beò den uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu a‑steach don àirc gan gleidheadh beò maille riut; fireann agus boireann bidh iad. Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad. Den eunlaith a rèir an gnè, agus den sprèidh a rèir an gnè, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: thèid dithis de gach seòrsa a‑steach ad ionnsaigh, gan gleidheadh beò. Agus gabh thusa dhut de gach uile bhiadh a dh’ithear, agus cruinnichidh tu ad ionnsaigh e; agus bidh e dhutsa agus dhaibhsan airson beathachaidh. Mar seo rinn Nòah; a rèir gach nì a dh’àithn Dia dha, mar sin rinn e. Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna. Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.
Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
An gliocas nach b’aithne do aon neach de uachdarain an t‑saoghail seo: oir nam b’aithne dhaibh e, cha cheusadh iad Tighearna na glòire.
Ach iad seo chan ith sibh, dhiùbhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiùbhsan a roinneas an ionga: mar an càmhal, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh. Agus esan a dh’itheas de a chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; esan mar an ceudna a ghiùlaineas a’ chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus bidh gach nì snàigeach a shnàigeas air an talamh, na ghràinealachd: chan ithear e. Gach nì a dh’imicheas air a’ bhroinn, agus gach nì a dh’imicheas air ceithir chasan, no ge bè air bith aig a bheil tuilleadh chasan am measg nan uile nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh; chan ith sibh iad oir is gràinealachd iad. Cha dèan sibh sibh fhèin gràineil le nì snàigeach sam bith a shnàigeas, cha mhò a nì sibh sibh fhèin neòghlan leo, air chor is gun truaillear sibh leo. Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh. Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh. Is e seo lagh nan ainmhidh, agus na h‑eunlaith, agus gach dùile bheò a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus gach dùile a shnàigeas air an talamh: A chur dealachaidh eadar an neòghlan agus an glan, agus eadar am beathach a dh’fhaodar ithe, agus am beathach nach faodar ithe. Agus an coinean, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh. Agus a’ mhaigheach, a chionn ged chnàmh i a’ chìr, nach roinn i an ionga; neòghlan tha i dhuibh. Agus a’ mhuc, a chionn ged roinn i an ionga, agus ged sgoilt i an ladhar, gidheadh nach cnàmh i a’ chìr; neòghlan tha i dhuibh. Dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh; neòghlan tha iad dhuibh.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Dèan dhut fhèin nathair loisgeach, agus cuir i air crann; agus tàrlaidh, gach neach a lotar, nuair a dh’amhairceas e oirre, gum mair e beò. Agus rinn Maois nathair umha, agus chuir e air crann i: agus thàrladh, ma lot nathair duine sam bith, agus gun d’amhairc e air an nathair umha, gun d’fhan e beò.
Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort. Mallaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus mallaichte bidh tu anns a’ mhachair. Mallaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. Mallaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus mallaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. Agus thig na beannachdan seo uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia. Cuiridh an Tighearna ort mallachadh, mì‑shuaimhneas, agus achmhasan, anns gach nì ris an cuir thu do làmh, gu a dhèanamh, gus an sgriosar thu, agus gus an tèid as dhut gu h‑obann, airson aingidheachd do ghnìomharan leis an do thrèig thu mise. Bheir an Tighearna air a’ phlàigh leantainn riut, gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn, da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh. Buailidh an Tighearna thu le caitheamh agus le fiabhras, agus le ainteas, agus le àrd-losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh, agus le fuar-dhealt; agus leanaidh iad thu gus an tèid as dhut. Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann. Nì an Tighearna uisge d’fhearainn na luaithre agus na dhuslach: o nèamh thig e a‑nuas ort, gus an sgriosar thu. Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn. Agus bidh do chlosach na biadh aig uile eunlaith an adhair, agus aig beathaichean na talmhainn, agus chan fhuadaich duine sam bith air falbh iad. Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas. Buailidh an Tighearna thu le cuthach, agus le doille, agus le uamhann cridhe. Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu. Beannaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus beannaichte bidh tu anns a’ mhachair. Nì thu ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus laighidh fear eile leatha: togaidh tu taigh, agus cha ghabh thu còmhnaidh ann: suidhichidh tu fìonlios, agus cha tionail thu a fhìondhearcan. Marbhar do dhamh fa chomhair do shùl, agus chan ith thu dheth: bheirear air falbh d’asal a dh’aindeoin as do làthair, agus cha toirear air a h‑ais dhut i: bheirear do chaoraich dod naimhdean, agus cha bhi neach agad a bheir uapa iad. Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh. Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh: Air chor is gum bi thu air mhì-chèill, airson sealladh do shùl a chì thu. Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn. Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich. Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu. Bheir thu mòran sìl a‑mach don fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu a‑steach: oir ithidh an lòcast suas e. Suidhichidh tu fìonliosan agus deasaichidh tu iad, ach chan òl thu den fhìon, cha mhò a chruinnicheas tu na dearcan: oir ithidh a’ chnuimh iad. Beannaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, agus toradh do sprèidhe, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. Bidh croinn-ola agad air feadh do chrìochan uile, ach chan ung thu thu fhèin leis an ola: oir tilgidh do chrann-ola a thoradh. Ginidh tu mic agus nigheanan, ach cha mheal thu iad; oir thèid iad am braighdeanas. Do chraobhan uile agus toradh d’fhearainn, millidh an lòcast. Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal. Bheir e an iasad dhut, agus cha toir thusa an iasad dha: bidh esan na cheann, agus bidh tusa ad earball. Agus thig na mallachdan seo uile ort, agus leanaidh iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu, a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhut: Agus bidh iad ort mar chomharradh agus mar iongantas, agus air do shliochd a‑chaoidh. A chionn nach do rinn thu seirbhis don Tighearna do Dhia le gàirdeachas, agus le subhachas cridhe, airson pailteas nan uile nithean; Uime sin nì thu seirbhis dod naimhdean, a chuireas an Tighearna ad aghaidh, ann an acras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhaidh nan uile nithean; agus cuiridh e cuing iarainn air do mhuineal, gus an cuir e as dhut. Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt: Beannaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. Cinneach aig a bheil aghaidh bhorb, nach toir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dèan iochd ris an òg: Agus ithidh e toradh do sprèidhe, agus toradh d’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as dhut. Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut. Agus ithidh tu toradh do chuirp fhèin, feòil do mhac agus do nigheanan, a thug an Tighearna do Dhia dhut, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu: Air chor is an duine a tha maoth nur measg, agus ro‑shòghmhor, gum bi a shùil olc a‑thaobh a bhràthar, agus a‑thaobh bean a uchd fhèin, agus a‑thaobh iarmad a chloinne a dh’fhàgas e: Air chor is nach toir e do aon dhiubh a’ bheag de fheòil a chloinne a dh’itheas e; a chionn nach fàgar a’ bheag aige anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu ad gheatachan uile. A’ bhean mhaoth agus shòghmhor nur measg, nach dùraigeadh bonn a coise a chur air an talamh a‑thaobh mùirn agus maothalachd, bidh a sùil olc a‑thaobh fear-pòsda a h‑uchd, agus a‑thaobh a mic, agus a‑thaobh a h‑ighinn, Agus a‑thaobh a’ mhaothrain a thig a‑mach o eadar a casan, agus a‑thaobh a cloinne a bheireas i: oir ithidh i iad a dh’uireasbhaidh nan uile nithean an diamhaireachd anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do nàmhaid thu ad gheatachan. Mura toir thu an aire uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a‑chum gum bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich seo ort, AN TIGHEARNA DO DHIA: An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach. Beannaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus beannaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. A bhàrr air seo, bheir e ort uile ghalaran na h‑Eiphit, ron robh eagal ort; agus leanaidh iad riut. Mar an ceudna gach tinneas agus gach plàigh, nach eil sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, iad sin bheir an Tighearna ort, gus an sgriosar thu. Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia. Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh. Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich. Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn. Agus bidh do bheatha crochte ann an amharas fad chomhair; agus bidh eagal ort a là agus a dh’oidhche, agus cha bhi cinnt air bith agad ded bheatha. Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu. Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Tha sibh air seachran, gun eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè:
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè?
Agus bhòidich Iephtah bòid don Tighearna, agus thubhairt e, Ma bheir thu gu cinnteach clann Amoin thairis dom làimh, An sin tàrlaidh, ge bè nì a thig a‑mach à dorsan mo thaighe am choinneamh, nuair a thilleas mi ann an sìth o chloinn Amoin, gu cinnteach gur leis an Tighearna e, agus ìobraidh mi e dha na ìobairt-loisgte.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Agus thubhairt Saul ri Samuel, Seadh, dh’èisd mi ri guth an Tighearna, agus dh’imich mi air an t‑slighe air an do chuir an Tighearna mi, agus thug mi leam Agag, rìgh Amaleic, agus sgrios mi gu tur na h‑Amalecich: Ach ghabh an sluagh den chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithean a bu chòir a bhith air an sgrios gu tur, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia ann an Gilgal. Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan. Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh. Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran-sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth. A‑nis uime sin, guidheam ort, lagh mo pheacadh, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel. Agus nuair a thionndaidh Samuel mun cuairt gu falbh, rug e air oir a fhallainge, agus reubadh i. Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa. Agus mar an ceudna cha dèan Neart Israeil breug, agus cha ghabh e aithreachas; oir cha duine e gun gabhadh e aithreachas. A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.
Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Nachoin, chuir Usah a‑mach a làmh a dh’ionnsaigh àirc Dhè, agus ghabh e greim dhith: oir chuir na daimh air chrith i. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo.
Agus nuair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chèile iad: agus chaidh Eliah suas le iomaghaoith do na nèamhan.
Oir cha tug iad fa‑near mìorbhail nam buileannan; oir bha an cridhe air a chruadhachadh.
Oir shaoil e gun tuigeadh a bhràithrean gun tugadh Dia le a làimh-san saorsa dhaibh; ach cha do thuig iadsan.
Na freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi thu fhèin cosmhail ris. Freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi e glic na shùilean fhèin.
Oir an nì sin a thachras do chloinn nan daoine, tachraidh e do na h‑ainmhidhean; tachraidh dìreach an aon nì dhaibh: mar a dh’eugas aon dhiubh, is ann mar sin a dh’eugas an t‑aon eile; seadh, is i an aon anail a tha aca uile; agus chan eil barrachd aig duine air ainmhidh, oir is dìomhanas iad uile. Am gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn; àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shuidhicheadh a spìonadh suas; Thèid iad uile do aon àite; tha iad uile on duslach, agus tillidh iad uile don duslach.
Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall. Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.
Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.
Bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑mach mi ann an Spiorad an Tighearna, agus chuir e sìos mi ann am meadhon a’ ghlinne a bha làn de chnàmhan, Is amhail a rinn mise fàistneachd mar a dh’àithneadh dhomh, agus thàinig an anail dan ionnsaigh, agus dh’fhàs iad beò, agus sheas iad air an casan, armailt anabarrach mòr. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, is iad na cnàmhan seo an t‑iomlan de thaigh Israeil; feuch tha iad ag ràdh, tha ar cnàmhan air tiormachadh, agus ar dòchas air a chall, is ann a tha sinn air ar gearradh as. Air an adhbhar sin dèan fàistneachd, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, O mo shluagh, fosglaidh mise ur n‑uaighean, agus bheir mi oirbh teachd a‑nìos as ur n‑uaighean, agus bheir mi sibh gu fearann Israeil. Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna nuair a dh’fhosglas mi ur n‑uaighean, O mo shluagh, agus a bheir mi sibh a‑nìos as ur n‑uaighean, Agus a chuireas mi mo Spiorad annaibh, agus a bhios sibh beò, agus a shuidhicheas mi sibh nur fearann fhèin; an sin aithnichidh sibh gur mise Iehòbhah a labhair, agus gun do rinn mi e, deir an Tighearna.
Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe. Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a‑mach na h‑àithne, gu Ierusalem aiseag agus a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsa, gum bi seachd seachdainean, agus trì-fichead agus dà sheachdain: togar an t‑sràid a‑rìs agus am balla, eadhon ann an aimsirean carraideach. Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh. Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.
Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna. Agus dh’imich e, agus ghabh e Gomer nighean Dhiblaim; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac dha.
An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?
Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?
Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig. Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann. Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.
Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn. Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh. Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, geàrr dhìot i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.
Na measaibh gun tàinig mise a chur sìthe air an talamh: chan ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a chur claidheimh. Oir thàinig mi a chur duine an aghaidh a athar, agus na nighinn an aghaidh a màthar, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile. Agus is iad muinntir a theaghlaich fhèin a bhios nan naimhdean do dhuine.
Uime sin, ma bheir do làmh no do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot iad, agus tilg uat iad: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-chois no air leth-làimh, na dà làimh no dà chois a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeadh anns an teine shìorraidh. Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i, agus tilg uat i: is fheàrr dhut dol a‑steach a‑chum na beatha air leth-shùil, na dà shùil a bhith agad agus thu a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn.
Agus a‑rìs tha mi ag ràdh ribh gur fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?
Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan: A‑chum is a’ faicinn dhaibh gum faic iad, agus nach aithnich iad, agus a’ cluinntinn dhaibh gun cluinn iad, agus nach tuig iad; air eagal àm air bith gun tilleadh iad, agus gum biodh am peacaidhean air am maitheadh dhaibh.
Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Agus thubhairt an Tighearna, A Shìmoin, a Shìmoin, feuch, dh’iarr Sàtan sibhse, a‑chum ur criaradh mar chruithneachd. Ach ghuidh mise air do shon-sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean.
An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura ith sibh feòil Mac an Duine, agus mura òl sibh a fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh. Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha a’ bheatha shìorraidh aige; agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. Oir is biadh gu fìrinneach m’fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m’fhuil. Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha e a’ gabhail còmhnaidh annamsa, agus mise annsan. Mar a tha an t‑Athair beò a chuir uaithe mise, agus a tha mise beò tron Athair; is amhail sin esan a dh’itheas mise, bidh e mar an ceudna beò tromhamsa. Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh’ith ur n‑athraichean mana, agus a fhuair iad bàs: esan a dh’itheas an t‑aran seo, bidh e beò am feasd.
Ach reic fear àraidh dom b’ainm Ananias, maille ra mhnaoi Saphira, sealbh fearainn. An sin thuit i air ball aig a chasan, agus chaidh an deò aisde: agus air do na h‑òganaich teachd a‑steach, fhuair iad i marbh, agus air dhaibh a giùlan a‑mach, dh’adhlaic iad làimh ri a fear i. Agus thàinig eagal mòr air an eaglais uile, agus air na h‑uile a chuala na nithean seo.
Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach; Agus nithean an‑uasal an t‑saoghail, agus nithean tarcaiseach roghnaich Dia, agus na nithean nach eil ann, a‑chum gun cuireadh e na nithean a tha ann an neo-bhrìgh: Ionnas nach dèanadh feòil sam bith uaill na fhianais.
Oir ge bè a dh’itheas agus a dh’òlas gu neo-iomchaidh, tha e ag ithe agus ag òl breitheanais dha fhèin, do bhrìgh nach eil e a’ dèanamh aithne air corp an Tighearna.
B’fheàrr leam gum biodh iadsan a tha a’ cur mì‑shuaimhneis oirbh eadhon air an gearradh as uaibh.
Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda.
Oir thìodhlaiceadh dhuibhse airson Chrìosd, chan e a‑mhàin creidsinn ann, ach mar an ceudna fulang air a shon;
Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin; Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.
Gidheadh tèarnar i tre bhreith cloinne, ma bhuanaicheas iad ann an creideamh, agus ann an gràdh, agus ann an naomhachd, maille ri stuaim.
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd:
Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh, Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd, Agus a thuit air falbh, ath-nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich.
Chì sibh uime sin gum fìreanaichear duine le obraichean, agus chan ann le creideamh a‑mhàin.
Leis an deachaidh e mar an ceudna, agus an do shearmonaich e do na spioradan ann am prìosan; Nuair a bheachdaicheas iad air ur caitheamh-beatha geamnaidh maille ri eagal. A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.
Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth. Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul.
Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.
A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.
Tha an Tighearna fad-fhulangach agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach.
Ma bhios aig duine mac reasgach agus ceannairceach, nach gèill do ghuth a athar, no do ghuth a mhàthar, agus nuair a smachdaicheas iad e, nach èisd riu: An sin beiridh a athair agus a mhàthair air, agus bheir iad a‑mach e gu seanairean a’ bhaile, agus gu geata a àite fhèin; An sin thig do sheanairean agus do bhritheamhan a‑mach, agus tomhaisidh iad a‑chum nam bailtean a tha mun cuairt airsan a mharbhadh: Agus their iad ri seanairean a’ bhaile, Tha ar mac seo reasgach agus ceannairceach, cha toir e gèill dar guth; tha e na gheòcair agus na mhisgear. Agus clachaidh uile dhaoine a bhaile e le clachan, a‑chum is gum bàsaich e: mar sin cuiridh tu olc air falbh as ur measg, agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra.
Ach chan èisdeadh na daoine ris: agus rug an duine air a choileabach, agus thug e a‑mach i dan ionnsaigh; agus dh’aithnich iad i, agus mhì-ghnàthaich iad i rè na h‑oidhche gu madainn: agus aig briseadh na fàire leig iad air falbh i. Agus thàinig a’ bhean ann an sgarthanaich an là, agus thuit i sìos aig doras taigh an duine, far an robh a tighearna, gus an robh solas ann. Agus dh’èirich a tighearna anns a’ mhadainn, agus dh’fhosgail e doras an taighe, agus chaidh e a‑mach gu imeachd air a shlighe: agus, feuch, bha a’ bhean, a choileabach, air tuiteam sìos aig doras an taighe, agus a làmhan air an stairsnich. Agus thubhairt e rithe, Eirich, agus imicheamaid; ach cha tug i freagradh air bith. Agus ghabh e i air asail, agus dh’èirich an duine suas, agus chaidh e da àite fhèin. Agus nuair a thàinig e da thaigh, ghabh e sgian, agus rug e air a choileabach, agus roinn e i, maille ra cnàmhan, na dà‑mhìr-dheug, agus chuir e i gu uile chrìochan Israeil. Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh. Agus thubhairt gach neach a chunnaic e, Cha do rinneadh agus chan fhacas nì air bith cosmhail ri seo, on là anns an tàinig clann Israeil a‑nìos à tìr na h‑Eiphit gus an là an‑diugh: beachdaichibh air, gabhaibh comhairle, agus labhraibh.
Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre. Agus ma thachras gun èirich fearg an rìgh, agus gun abair e riut, Carson a chaidh sibh teann air a’ bhaile a chathachadh? Nach robh fhios agaibh gun tilgeadh iad on bhalla? Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit? Nach do thilg bean mìr de chloich-mhuilinn air on bhalla, air chor is gun d’fhuair e bàs ann an Tebes? Carson a chaidh sibh teann air a’ bhalla? An sin their thusa, Tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna. Agus dh’imich an teachdaire, agus thàinig agus dh’innis e do Dhaibhidh gach nì mun do chuir Ioab air falbh e. Agus thubhairt an teachdaire ri Daibhidh, Gu deimhinn bhuadhaich na daoine oirnn, agus thàinig iad a‑mach dar n‑ionnsaigh anns a’ mhachair agus chuir sinn an ruaig orra eadhon gu dol a‑steach a’ gheata. Agus thilg na fir-bhogha air do sheirbhisich on bhalla, agus tha cuid de sheirbhisich an rìgh marbh, agus tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna. An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha. Agus nuair a chuala bean Uriah gun d’fhuair a fear Uriah bàs, rinn i caoidh airson a fir. Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna. Agus chuir Daibhidh fios, agus dh’fheòraich e mu thimcheall na mnà: agus thubhairt neach, Nach i seo Bat-sèba nighean Eliam, bean Uriah an t‑Hiteach? Agus chuir Daibhidh uaithe teachdairean, agus ghabh e i; agus thàinig i a‑steach da ionnsaigh, agus laigh e leatha (oir bha i air a glanadh o a neòghlaine), agus thill i da taigh fhèin. Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus chuir i fios uaipe, agus dh’innis i do Dhaibhidh, agus thubhairt i, Tha mi torrach.
An sin thàinig dithis bhan, a bha nan strìopaichean, a dh’ionnsaigh an rìgh, agus sheas iad na làthair. Agus thubhairt bean dhiubh, O mo thighearna, tha mise agus a’ bhean seo a’ gabhail còmhnaidh ann an aon taigh, agus dh’aiseadadh mise maille rithe anns an taigh. Agus air an treas là an dèidh dhòmhsa a bhith air m’aisead, dh’aiseadadh a’ bhean seo mar an ceudna, agus bha sinn cuideachd; cha robh coigreach sam bith maille rinn anns an taigh, ach sinn fhèin nar dithis anns an taigh. Agus dh’eug mac na mnà seo anns an oidhche, a chionn gun do laigh i air. Ach dh’ìobair an sluagh air àitean àrda, do bhrìgh nach do thogadh taigh do ainm an Tighearna gus na làithean sin. Agus dh’èirich i mu mheadhon-oidhche, agus thug i mo mhac-sa om thaobh, am feadh a bha do bhanoglach na cadal, agus chuir i na laighe e na h‑uchd fhèin, agus chuir i a mac marbh fhèin na laighe ann am uchd-sa. Agus dh’èirich mi anns a’ mhadainn a thoirt cìche dom mhac, agus, feuch, bha e marbh. Ach nuair a thug mi an aire dha anns a’ mhadainn, feuch, cha b’e mo mhac-sa a bha ann, a rug mi. Agus thubhairt a’ bhean eile, Chan eadh; ach is e mo mhac-sa a tha beò, agus is e do mhac-sa a tha marbh: agus thubhairt ise, Chan eadh; ach is e do mhac-sa a tha marbh, agus is e mo mhac-sa a tha beò. Mar seo labhair iad am fianais an rìgh. An sin thubhairt an rìgh, Tha i seo ag ràdh, Is e seo mo mhac-sa a tha beò, agus is e do mhac-sa a tha marbh: agus tha i siud ag ràdh, Chan eadh; ach is e do mhac-sa a tha marbh, agus is e mo mhac-sa a tha beò. Agus thubhairt an rìgh, Thugaibh dhomh claidheamh. Agus thug iad claidheamh am fianais an rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Roinnibh am mac beò na dhà leth, agus thugaibh leth do aon mhnaoi, agus leth don mhnaoi eile. An sin labhair a’ bhean lem bu leis am mac beò ris an rìgh, (oir theòdh a cridhe ra mac,) agus thubhairt i, O mo thighearna, thugaibh dhise an leanabh beò, agus na marbhaibh idir e: ach thubhairt a’ bhean eile, Na biodh e agamsa no agadsa, ach roinnibh e. An sin fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Thugaibh dhise an leanabh beò, agus na marbhaibh idir e: is ise a mhàthair. Agus chuala Israel uile a bhreith a thug an rìgh, agus bha eagal orra ron rìgh; oir chunnaic iad gu robh gliocas Dhè ann, a dhèanamh breitheanais.
Agus chaidh e suas as a sin gu Betel: agus nuair a bha e a’ dol suas air an t‑slighe, thàinig clann bheag a‑mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanaid air, agus thubhairt iad ris, Gabh suas, fhir mhaoil; gabh suas, fhir mhaoil. Agus sheall e na dhèidh, agus chunnaic e iad, agus mhallaich e iad ann an ainm an Tighearna: agus thàinig dà mhath-ghamhainn bhoireann a‑mach as a’ choille, agus reub iad a dhà agus dà‑fhichead duine cloinne dhiubh.
Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair. Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e? Fàilnichidh na h‑uisgeachan on mhuir, agus caithear an abhainn, agus tiormaichidh i suas: Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad. Och, nach falaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi ann an uaigneas, gus am biodh d’fhearg thairis! Nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gun cuimhnicheadh tu mi! Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh. Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bidh dèidh agad. Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh? Seulaichte ann an ceanglachan tha m’easaontas, agus fuaighidh tu suas m’euceart. Agus gu deimhinn tuitidh a’ bheinn, agus thèid as dhi; agus atharraichear a’ charraig as a h‑àite. Caithidh na h‑uisgeachan na clachan: bheir thu tuil air na nithean a dh’fhàsas à ùir na talmhainn, agus sgriosaidh tu dòchas an duine. Mar bhlàth thig e a‑mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàil, agus chan fhan e.
Tha na h‑aingidh a’ claonadh on bhroinn; tha iad a’ dol air seachran om breith, a’ labhairt bhreug.
Ach bha mo chridhe goirt, agus bha goimh am àirnean; Agus bha mi baoth agus aineolach; mar ainmhidh bha mi ad làthair.
Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.
Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.
Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean. Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin?
Cò a chreid ar teachdaireachd? Agus cò don robh gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?
Ach ged bheir e adhbhar bròin, gidheadh nì e iochd a rèir lìonmhorachd a thròcairean. Oir cha chlaoidh e da dheòin, cha mhò a chràidheas e clann nan daoine.
Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.
Is truagh dhuibhse a tha ag iarraidh là an Tighearna. Ciod e sin dhuibhse là an Tighearna? Dorchadas agus chan e solas. Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh; Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas. Nach bi là an Tighearna na dhorchadas, agus chan ann na sholas? Eadhon ro‑dhorcha, agus gun soilleireachd air bith ann?
Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas: Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard. Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan. Agus bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh leis an spruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir; seadh, agus thàinig na madaidhean agus dh’imlich iad a chreuchdan. Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e. Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd. Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo. Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh. Agus a bhàrr air seo uile, tha doimhne mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse, air chor agus iadsan lem b’àill dol a seo dur n‑ionnsaigh-se, nach eil e an comas dhaibh; agus nach mò a tha e an comas do aon neach teachd as a sin dar n‑ionnsaigh-ne. An sin thubhairt e, Uime sin tha mi a’ guidhe ort, athair, gun cuireadh tu e gu taigh m’athar: Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo. Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca; èisdeadh iad riùsan. An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh. Agus thubhairt esan, Chan eadh, Athair Abrahàim: ach ma thèid neach dan ionnsaigh o na mairbh, nì iad aithreachas. Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh.
Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan. An tì a chreideas ann, cha dìtear e: ach an tì nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aon-ghin Mhic Dhè.
Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;
(Oir mun do rugadh na naoidheanan, agus mun do rinn iad math no olc, a‑chum gum biodh rùn Dhè a rèir an taghaidh seasmhach, chan ann o obraichean, ach on tì a ghairmeas;) Thubhairteadh rithe, Nì an neach as sine seirbhis don neach as òige. A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh’fhuathaich mi Esau.
O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean! Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha? No cò a thug dha air tùs, agus a làn-dìolar a‑rìs dha e? Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
No ciod a nì iadsan a bhaistear airson nam marbh, mura èirich na mairbh air aon dòigh? Carson mas eadh a bhaistear iad airson nam marbh?
Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd.
A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo-choireach, na làthair-san ann an gràdh:
Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd. Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:
Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan; A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd. Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.
Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.
Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.
Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh: Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun-os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.
Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan.
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn.
An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.
Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh. Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan. Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan. Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs. Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.
Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.
Oir tha mi a’ dèanamh fianais do gach uile neach a chluinneas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo, Ma chuireas neach air bith ris na nithean seo, cuiridh Dia airsan na plàighean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.