Ecsodus 34:7 - Am Bìoball Gàidhlig 19927 A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19927 A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach. Faic an caibideil |
Oir ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, gheibh ur bràithrean agus ur clann iochd nam fianais-san a thug leo am braighdeanas iad, air chor is gun till iad a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir gràsmhor agus tròcaireach tha an Tighearna ur Dia, agus cha tionndaidh e a ghnùis air falbh uaibh, ma thilleas sibh da ionnsaigh.
A‑nis, matà, O ar Dia-ne, a Dhè mhòir, chumhachdaich, agus uamhasaich, a chumas coicheangal agus tròcair, na measar beag ad fhianais an sàrachadh seo uile a thàinig oirnne, air ar rìghrean, air ar n‑uachdarain, agus air ar sagartan, agus air ar fàidhean, agus air ar n‑athraichean, agus air do shluagh uile, o làithean rìghrean Asiria gu ruig an là‑an‑diugh.