Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Oir chan iad mo smuaintean-sa ur smuaintean-se, cha mhò is iad ur slighean-se mo shlighean-sa, deir an Tighearna. Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ur slighean-se, agus mo smuaintean-sa seach ur smuaintean-se.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;
Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman.
Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe. Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad. Cuiribh-se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.
Tha fhios agam gur urrainn thusa gach nì a dhèanamh, agus nach ceilear smuain air bith ort.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi. Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.
Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas: Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh; A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach; Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.
Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.
Bidh easbhaidh air na leòmhainn òga, agus bidh acras orra, ach orrasan a dh’iarras an Tighearna cha bhi math air bith a dhìth.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, agus a chuireas a dhòchas ann an Iehòbhah: Oir bidh e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a‑mach a freumhan ri taobh an t‑srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bi a duilleach uaine, agus air nach bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, cha mhò a sguireas i de thoirt seachad toraidh.
Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.
Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.
Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth. Dèanaibh ùrnaigh gun sgur. Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.
Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.
Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas.
Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia. Ann ad làimh-sa tha m’aimsirean: saor mi à làimh mo naimhdean, agus uapasan a tha an tòir orm.
Mo bhràithrean, measaibh mar an uile ghàirdeachas nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuchainnean; Oir chan obraich fearg duine fìreantachd Dhè. Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh. Ach bithibh-se nur luchd cur-an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd-èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin. Oir ma tha neach air bith na fhear-èisdeachd an fhacail, agus chan ann na fhear-dèanamh da rèir, is cosmhail e ri duine a tha ag amharc air a aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan: Oir bheachdaich e air fhèin, agus dh’imich e roimhe, agus dhìochuimhnich e air ball ciod an coslas duine a bha ann fhèin. Ach ge bè a bheachdaicheas gu dùrachdach air lagh coileanta na saorsa, agus a bhuanaicheas ann, gun e a bhith na fhear-èisdeachd dearmadach, ach na fhear-dèanamh na h‑obrach, bidh an duine seo beannaichte na dhèanadas. Ma shaoileas neach air bith nur measg gu bheil e diadhaidh, gun a bhith a’ cur srèin ra theangaidh, ach a’ mealladh a chridhe fhèin, is dìomhain diadhachd an duine seo. Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal. Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn. Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.
Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise. Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia-ne. Fàsaidh na h‑òigfhir lag agus sgìth, agus tuitidh an òigridh thaghte gu làr; Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu. Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?
Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn thu! D’obraichean iongantach agus do smuaintean dar taobh-ne, chan eil e an comas a chur sìos an òrdagh dhut; nochdainn agus chuirinn an cèill iad, ach tha iad nas lìonmhoire na gun gabh iad àireamh.
Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh; Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.
Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.
Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.
A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.
Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan? Agus cò agaibh le mòr-chùram a dh’fhaodas aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?
Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!
Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile.
O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.
A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.
Ach dh’iarrainn-sa a dh’ionnsaigh Dhè, agus a‑chum Dhè chuirinn mo ghuth: A tha a’ dèanamh nithean mòra agus do‑rannsachaidh; nithean iongantach gun àireamh:
Oir is toigh leis an Tighearna breitheanas, agus cha trèig e a naoimh; gu bràth coimheadar iadsan, ach gearrar as sliochd nan aingidh.
Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.
A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain, Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh); Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.
Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan; Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;
Is ann on Tighearna a tha ceuman duine; oir cionnas a thuigeas duine a shlighe fhèin?
Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
Is iad fìrinn agus ceartas gnìomharan a làmh; tha a àitheantan-san uile fìor. Seasmhach tha iad gu saoghal nan saoghal, dèante ann am fìrinn agus ann an ceartas.
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.
A bhràithrean, chan eil mi a’ meas gun do ghlac mi greim: ach aon nì tha mi a’ dèanamh, air dhomh na nithean a tha air mo chùl a dhìochuimhneachadh, agus a bhith gam shìneadh fhèin a‑chum nan nithean a tha romham, Tha mi a’ dian-ruith a dh’ionnsaigh a’ chomharraidh, a‑chum duais àrd-ghairm Dhè ann an Iosa Crìosd.
Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Is mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach. Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh-tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith?
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e.
Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.
Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh: Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear-deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia. Leagadh sìos m’anam an taobh a‑staigh dhìom; uime sin, cuimhnichidh mi ortsa, mo Dhia, o thìr Iòrdain agus o Hermon, o shliabh Mhitsair.
Oir is ann le dòchas a shaorar sinn: ach dòchas a chìthear, cha dòchas e: oir an nì a tha an duine a’ faicinn, carson a bhios dòchas aige ris? Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.
Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè:
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin. Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.
A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh. Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:
Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh. A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse,
Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.
A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.
Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.
An dìochuimhnich màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa. Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.
Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.
Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.
Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;
Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.
A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas. Tha m’anam a’ dlùth-leantainn riut; cumaidh do dheaslàmh suas mi.
Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.
Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd; A chruth-atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.
Eadhon gu ur seann aois, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid-ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha.
Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.
A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.