Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


106 Rainn Bhìoball air tròcair, co-fhaireachdainn

106 Rainn Bhìoball air tròcair, co-fhaireachdainn

Tha tròcair Dhè ùr gach latha, a’ sealltainn a ghràidh agus a chùraim gun stad. ’S e càileachd dhìadhaidh a th’ ann an tròcair, feart den Athair, a mhaitheas peacaidhean dhaibhsan a thig thuige le aithreachas.

Tha e ag iarraidh ort an tròcair seo a nochdadh do chàch, a’ feuchainn ri bhith coltach ri Ìosa, a bhàsaich air ar son a dh’aindeoin ar lochdan. Mura b’ e a thròcair gun chrìoch, bhiodh ar beatha air chall, ach nuair a dh’fhiosraicheas sinn e, tuigidh sinn a luach.

Le fios air gràdh Dhè, seachain droch dhìol a dhèanamh air a ghràs, a’ fuireach gu ceart. Cuimhnich na tha e air mathanas agus gabh brath air na cothroman a tha e a’ toirt dhut.

Mar a bha e tròcaireach riutsa, bi coibhneil ri càch, a’ seachnadh dìoghaltas no a bhith nad britheamh. Ma chleachdas tu tròcair, bidh Dia tròcaireach riutsa, maille riut an-còmhnaidh.

Na dìochuimhnich gum bi Dia tròcaireach dhaibhsan a chleachdas tròcair. Lìon do bheatha leis na buadhan seo agus gheibh thu fàbhar.




Ephèsianach 4:32

Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:12

Uime sin cuiribh-se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad-fhulangas;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:21

Gabhaidh an t‑aingidh air iasad, agus cha dìol e a‑rìs; ach tha am fìrean tròcaireach, agus bheir e uaithe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:1-2

Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta. Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile: Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna; A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh: A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd. Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh. Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh. Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin. Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine. Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine. A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh. Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 11:17

Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 86:15

Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 18:33

Nach bu chòir dhutsa, mar an ceudna, tròcair a dhèanamh air do cho-sheirbhiseach fhèin, amhail a rinn mise tròcair ortsa?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:8

Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 10:33-34

Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth, Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:9

Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:10

Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 6:2

Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaibh lagh Chrìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 41:1

Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 3:17

Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 58:7

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 14:21

An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 102:13

Eiridh tusa, nì thu tròcair air Sion, oir tha an t‑àm gu deagh-ghean a nochdadh dhi, seadh, an t‑àm suidhichte air teachd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 25:35-40

Oir bha mi acrach, agus thug sibh dhomh biadh: bha mi tartmhor, agus thug sibh dhomh deoch: bha mi am choigreach, agus thug sibh aoidheachd dhomh: Lomnochd, agus dh’èidich sibh mi: bha mi easlan, agus thàinig sibh gam amharc: bha mi ann am prìosan, agus thàinig sibh am ionnsaigh. An sin freagraidh na fìreanan e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinn acrach thu, agus a bheathaich sinn thu, no tartmhor, agus a thug sinn deoch dhut? No cuin a chunnaic sinn ad choigreach thu, agus a thug sinn aoidheachd dhut, no lomnochd, agus a dh’èidich sinn thu? No cuin a chunnaic sinn easlan thu, no ann am prìosan, agus a thàinig sinn ad ionnsaigh? Ach iadsan a bha glic, thug iad ola leo nan soithichean maille rin lòchrain. Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 6:31

Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh-se mar an ceudna dhaibhsan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 130:3-4

Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas? Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 54:10

Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 19:17

An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:1-2

Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh. Agus a‑rìs tha e ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas, a Chinneacha, maille ri a phoball-san. Agus a‑rìs, Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile, agus thugaibh cliù dha, a shlòigh uile. Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas. A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh. Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh. Gidheadh, a bhràithrean, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh leis an tuilleadh dànadais, an càil-eigin, mar gun cuirinn an cuimhne sibh, airson a’ ghràis a thugadh dhòmhsa le Dia, Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh. Uime sin tha adhbhar uaill agam tre Iosa Crìosd, anns na nithean sin a bhuineas do Dhia. Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh, Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd. Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach gu a mhath a‑chum a thogail suas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:22-23

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 112:4

Ann an dorchadas èiridh solas do na fìreanan; gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:3-4

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:24-25

Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean: Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:12

Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 18:13

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:1-4

Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair; A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh; Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair. Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith: Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin. Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd: A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail; A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain. Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile. Air an dòigh cheudna biodh aoibhneas oirbhse, agus dèanaibh gàirdeachas maille riumsa. Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse. Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh. Oir chan eil duine air bith agam co‑ionnan inntinn ris-san, air am bi cùram nan nithean a bhuineas dhuibhse gu dùrachdach. Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd. Ach is aithne dhuibh a dhearbhadh-san, mar mhac da athair, gun do rinn e seirbhis maille riumsa anns an t‑soisgeul. Uime sin tha dùil agam esan a chur dur n‑ionnsaigh air ball, cho luath is a chì mi ciod as cor dhomh fhèin. Ach tha earbsa agam anns an Tighearna gun tig mi fhèin dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr mar an ceudna. Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho-obraiche, agus mo cho-shaighdear, ach ur teachdaire-se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh. Oir bha dèidh mhòr aige oirbh uile, agus bha e làn tùirse, do bhrìgh gun cuala sibh gu robh e tinn. Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm. Uime sin bu togarraiche a chuir mi dur n‑ionnsaigh e, a‑chum air dhuibh fhaicinn a‑rìs, gum biodh aoibhneas oirbh, agus gum bu lugha mo dhoilgheas-sa. Air an adhbhar sin, gabhaibh ris anns an Tighearna leis an uile aoibhneas, agus biodh meas mòr agaibh air an leithidean sin: Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin. Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa. Na seallaibh gach aon air na nithean sin a bhuineas dha fhèin, ach gach aon air na nithean a bhuineas do dhaoine eile mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 86:3

Dèan tròcair orm, a Thighearna, oir tha mi a’ glaodhaich riut gach là.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 9:15

Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 3:8

Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:6-7

Cuimhnich do chaomh-thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian. Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:18

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:1-2

Na tugaibh breith, a‑chum nach toirear breith oirbh. Agus mas iasg a dh’iarras e, an toir e nathair dha? Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad? Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean. Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre: Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre. Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh. Air an toradh aithnichidh sibh iad: an tionail daoine dearcan-fìona de dhrisean, no fìgean de na fòghnain? Agus mar sin bheir gach uile chraobh mhath toradh math: ach bheir an droch chraobh droch thoradh. Chan fhaod a’ chraobh mhath droch thoradh a ghiùlan, no an droch chraobh toradh math a thabhairt. Gach uile chraobh nach giùlain toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i. Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:77

Thigeadh do chaomh-thròcairean am ionnsaigh, a‑chum gum bi mi beò, oir is e do lagh mo thlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 21:13

An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:19

A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 6:1

A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:13

A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:19-21

Tha gràdh againne dhàsan, do bhrìgh gun do ghràdhaich esan sinne air tùs. Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e. Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh? Agus an àithne seo tha againn uaithesan, An tì a ghràdhaicheas Dia, gun gràdhaich e a bhràthair mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:3

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 12:7

Agus nam biodh fhios agaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair as àill leam agus chan ìobairt, cha dìteadh sibh an dream a tha neochiontach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:30

Oir is aithne dhuinn an Tì a thubhairt, Is leamsa an dìoghaltas, agus bheir mi dìoladh uam, tha an Tighearna ag ràdh: agus a‑rìs, Bheir an Tighearna breith air a shluagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:1

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 31:20

Fosglaidh i a glac don truaghan, agus sìnidh i a làmhan don fheumach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 7:13

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:11-12

Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:44

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 68:19

Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 1:16

Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:20-21

Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann. Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:8-9

Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair. Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 34:6

Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:10

Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 6:32-34

Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan aig a bheil gràdh dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir gràdhaichidh peacaich fhèin an dream aig a bheil gràdh dhaibh. Agus ma nì sibh math don mhuinntir a nì math dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir nì peacaich an nì seo fhèin mar an ceudna. Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:36

Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 12:10

Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 49:10

Cha bhi acras no tart orra, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 2:4

No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:27

Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 1:13

A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:43

Cò a tha glic, agus a bheir fa‑near na nithean sin? Tuigidh esan coibhneas gràdhach an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 36:7

Cia luachmhor do choibhneas gràdhach, a Dhè! Uime sin, earbaidh clann nan daoine à sgàil do sgiathan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 1:50

Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 18:21-22

Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair? Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì-fichead seachd uairean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:8

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:7

Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 54:7

Rè tiota bhig, dhealaich mi riut; ach le mòr iochd cruinnichidh mi thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 19:16

Agus nuair a bha e a’ dèanamh moille, an sin rug na daoine air làimh air, agus air làimh air a mhnaoi, agus air làimh air a dhithis nighean; air don Tighearna a bhith tròcaireach dha: agus thug iad a‑mach e, agus chuir iad e an taobh a‑muigh den bhaile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 14:6

Nàraich iad comhairle an duine bhochd, a chionn gur e an Tighearna a thèarmann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:14-15

Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna: Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh-se ur cionta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 51:1

Dèan tròcair orm, a Dhè, a rèir do choibhneas gràidh; a rèir lìonmhorachd do chaomh-thròcairean, dubh as m’easaontas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:13

Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 16:6

Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:8

An tì nach gràdhaich, chan aithne dha Dia; oir is gràdh Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:17

Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 10:36-37

Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd-reubainn? Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:5

Is ionmhainn leis ceartas agus breitheanas; de mhaitheas an Tighearna tha an talamh làn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:22

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:9

Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 2:10

Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 25:40

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 82:3

Dèanaibh ceartas don bhochd agus don dìlleachdan; cumaibh còir ris an truagh agus ris an fheumach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 1:9

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:7

Uime sin gabhaibh-se ri chèile, eadhon mar a ghabh Crìosd rinne, a‑chum glòir Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:16

Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 10:11

Is tobar beatha beul an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 69:16

Eisd rium, a Thighearna, oir is math do choibhneas gràdhach; a rèir lìonmhorachd do chaomh-thròcairean till rium.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 6:36

Bithibh-se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 2:13

Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:7

Is beannaichte na daoine tròcaireach: oir gheibh iad tròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:13

Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:16

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 39:21

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 3:5

Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tuireadh Ieremiah 3:22-23

Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:11

A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Hosèa 12:6

Uime sin till thusa rid Dhia: coimhead tròcair agus breitheanas; agus feith air do Dhia a‑ghnàth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:6

Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:6

Cuimhnich do chaomh-thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Samuel 22:26

Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach, agus don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 85:10

Tha tròcair agus fìrinn air còmhlachadh a chèile; tha ceartas agus sìth air pògadh a chèile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

A Thighearna Iosa Chrìosd gràdhach, tha mi tighinn dlùth dhut a thoirt taing airson do thròcair a tha ùr gach là air mo bheatha. Guidheam ort, Athair gràdhach, gun mo chruthachadh nad dhealbh fhèin, 'nam fhianais bheò air do ghràdh. Cuidich mi, a Spioraid Naoimh, a bhith tròcaireach ri mo choimhearsnach. Lìon mi le do ghràdh gus an tèid d'ainm àrdachadh tromham, tro mo sheirbheis, mo ghnìomharan 's mo bhriathran. Thoir dhomh cridhe glan, fìor, air a sgeadachadh le gràdh, oir 's e sin an ceangal foirfe. Cuidich mi, a Thighearna, 's gum bi mo shùilean tròcaireach, 's nach bi mi a' breithneachadh a rèir coltais, ach gun coimhead mi air bòidhchead anama mo choimhearsnaich 's gun cuidich mi iad, air do stiùir fhèin. Guidheam ort, a Thighearna, 's gum bi mo chluasan tròcaireach, 's gun toil mo chridhe ri feumalachdan mo choimhearsnaich, gun a bhith nam chridhe chruaidh ri am bròn. Cuidich mi, a Thighearna, 's gum bi mo bheul tròcaireach, gun a bhith a' càineadh mo choimhearsnaich, ach a' toirt facal comhfhurtachd agus maitheanais dhaibh uile. Guidheam ort cuideachd, a Thighearna, 's gum bi mo làmhan tròcaireach, a' dèanamh math dha mo choimhearsnach. Cuidich mi gus maitheanas a thoirt dhaibhsan a tha air fàiligeadh orm 's air droch ainm a thoirt orm, a bhith onarach, eadhon riuthasan a tha a' dèanamh ana-cleachdadh air mo chaoimhneas. Biodh do thròcair, a Spioraid Naoimh, a' còmhnaidh 'nam chridhe, ag atharrachadh mo bheatha, oir is urrainn dhut a h-uile nì. Cuidich mi a bhith tròcaireach mar a bha thusa riumsa, oir tha e sgrìobhte: “Ris an tròcaireach nochdaidh tu tròcair, agus ris an duine dhìreach nochdaidh tu dhìreachas." An ainm Ìosa, Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan