Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -



150 Rainn Bhìoball air Caoimhneas Dhè

150 Rainn Bhìoball air Caoimhneas Dhè


Salm 145:9

Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 100:5

Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 16:34

Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:8

O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 34:6

Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 86:5

Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tuireadh Ieremiah 3:22-23

Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:8

Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:6

Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 63:7

Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:4-5

Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn, Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 7:18-19

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair. Tillidh e a‑rìs, gabhaidh e truas dhinn; còmhdaichidh e ar n‑easaontais: seadh, tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nehemiah 9:17

Agus dhiùlt iad èisdeachd, agus cha do chuimhnich iad d’iongantasan a rinn thu nam measg; ach chruadhaich iad am muineal, agus dh’òrdaich iad ceannard, a‑chum tilleadh dan daorsa anns an Eiphit: ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an truacantas, agus cha do thrèig thu iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:8

Is math agus is dìreach an Tighearna; uime sin teagaisgidh e peacaich anns an t‑slighe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 2:4

No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:15-16

Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos. Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:8

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:1

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:5

Is ionmhainn leis ceartas agus breitheanas; de mhaitheas an Tighearna tha an talamh làn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 3:4-5

Ach nuair a dh’fhoillsicheadh coibhneas agus gràdh Dhè ar Slànaighear do dhaoine, Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 9:24

Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd-sa, deir an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 3:16

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 84:11

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 116:5

Is gràsmhor an Tighearna, agus cothromach; agus is tròcaireach ar Dia-ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nahum 1:7

Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 63:3

A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 54:10

Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 2:3

Mas e is gun do bhlais sibh gu bheil an Tighearna gràsmhor:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:68

Is math thusa, agus nì thu math; teagaisg dhomh do reachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:13

Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:11

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 11:22

Feuch uime sin maitheas agus geur-cheartas Dhè: geur-cheartas dan taobh-san a thuit; ach dod thaobh-sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:26

O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:7

A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:19

Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:10

Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 7:9

Biodh fhios agad uime sin, an Tighearna do Dhia gur esan Dia, an Dia fìrinneach, a chumas coicheangal agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus a ghleidheas a àitheantan, gu mìle ginealach;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:17

Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 2:11

Oir dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhè do na h‑uile dhaoine;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:14

Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:11

Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 6:35

Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:11

A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 1:7

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:3-4

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 106:1

Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:18

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:16

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 3:9

Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:64

Ded thròcair, a Thighearna, tha an talamh làn; teagaisg dhomh do reachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:11

Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:7

Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas ann ad thròcair, oir chunnaic thu m’àmhghar; b’aithne dhut m’anam ann an teanntachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:8-9

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:7

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:30

A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:23

Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 4:31

(Oir is Dia tròcaireach an Tighearna do Dhia-sa) cha trèig e thu, cha mhò a sgriosas e thu, no a dhìochuimhnicheas e coicheangal d’athraichean, a mhionnaich e dhaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 89:33-34

Gidheadh, cha bhuin mi gu tur mo choibhneas gràidh uaithe, agus cha bhreugnaich mi mo ghealladh. Cha bhris mi mo choicheangal, agus an nì a thàinig as mo bhilean chan atharraich mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:5

Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:4

Le a iteagan còmhdaichidh e thu, agus fo a sgiathan bidh d’earbsa; bidh a fhìrinn na sgèith agus na targaid dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:13

Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:4

A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:16

Agus fhuair sinn aithne air agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an tì a tha a’ fantainn ann an gràdh tha e na chòmhnaidh ann an Dia, agus Dia annsan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 12:32

Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:76

Bidh a‑nis do thròcair chaomh a‑chum comhfhurtachd dhomh, a rèir d’fhacail rid òglach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:1-3

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte; Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan. Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach. A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn; A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 13:4-7

Tha an gràdh fad-fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas. Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith, Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn; Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 68:19

Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 111:4

Chuir e a ghnìomharan iongantach air chuimhne; gràsmhor agus truacanta tha an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 86:15

Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 121:3-4

Cha leig e led chois sleamhnachadh; cha tuit clò cadail air d’fhear-coimhead. Feuch, cha tuit clò cadail no suain air fear-coimhead Israeil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 15:13

Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:1-2

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 9:8

Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn-leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:19

Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:29

Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:31-32

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh? An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:15-19

Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos. Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth. Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò. Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 31:3

O chèin dh’fhoillsicheadh Iehòbhah dhòmhsa, ag ràdh, Seadh, le gràdh sìorraidh ghràdhaich mi thu; uime sin tharraing mi thu le coibhneas gràdhach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:23-24

Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe. Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 57:10

Oir is mòr do thròcair gu ruig na nèamhan, agus d’fhìrinn gu ruig na neòil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:11

Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 12:6-7

Nach eil còig gealbhain air an reic air dà fheòirling, agus chan eil aon dhiubh air a dhearmad am fianais Dhè? Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 136:2-3

Thugaibh buidheachas do Dhia nan diathan, oir gu bràth mairidh a thròcair. Agus Og rìgh Bhasain, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a thug am fearann mar oighreachd, oir gu bràth mairidh a thròcair; Mar oighreachd do Israel, a òglach fhèin, oir gu bràth mairidh a thròcair; A chuimhnich oirnn nar staid ìosail, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a shaor sinn o ar naimhdean, oir gu bràth mairidh a thròcair; A tha a’ tabhairt bìdh do gach feòil, oir gu bràth mairidh a thròcair. O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair. Thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearnan, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:13-14

Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e; Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 11:36

Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 1:16

Agus as a lànachd-san fhuair sinne uile, agus gràs airson gràis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 130:7

Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:13

Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:45

A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 42:8

Anns an là àithnidh an Tighearna a thròcair, agus anns an oidhche bidh a laoidh maille rium, agus m’ùrnaigh ri Dia mo bheatha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 1:17

Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:27

Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:5-6

Ann an teinn ghairm mi air an Tighearna; fhreagair an Tighearna mi, gam chur ann an ionad farsaing. Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 1:50

Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 32:4

Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:11

Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 33:20-22

Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh-san gun do chuir sinn ar dòigh. Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 49:15-16

An dìochuimhnich màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa. Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 3:18-19

Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 20:4

Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 1:9

Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:5-6

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu. Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 9:10

Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:5-7

Air urram glòir do mhòrachd agus air d’obraichean iongantach labhraidh mi; Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd. Cuiridh iad an cèill gu pailt cuimhne do mhaitheis mhòir, agus àrd-mholaidh iad d’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 45:22

Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:19-20

Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine! Aom am ionnsaigh do chluas; gu grad furtaich orm; bi‑sa ad charraig làidir dhomh, ad thaigh-tèarmainn a‑chum mo dhìon. Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:2

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 16:33

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:4

Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 25:4

Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:38-39

Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 12:2

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:14-15

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 3:1

Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 28:7

Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 1:3

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 1:14

Agus bha gràs ar Tighearna thar tomhas ro‑phailt dhomh, maille ri creideamh, agus ri gràdh a tha ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 105:8

Chuimhnich e gu sìorraidh a choicheangal-san, am facal a dh’òrdaich e do mhìle ginealach;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 139:17-18

O cia luachmhor leamsa do smuaintean-sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh! Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:2

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 10:12-13

Oir chan eil eadar-dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air. Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:4

Molaidh àl do àl do ghnìomharan, agus cuiridh iad an cèill d’obraichean cumhachdach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 71:22

Uime sin molaidh mise thu air an t‑saltair, seadh, d’fhìrinn-sa, mo Dhia; seinnidh mi dhut air a’ chlàrsaich, O Aoin naoimh Israeil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:3-5

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh. A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse, A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:16-17

Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè: Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 11:6

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:14-15

Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:20

Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:10

Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:15

Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 66:20

Beannaichte gu robh Dia, nach do thionndaidh m’ùrnaigh uaithesan agus a thròcair uamsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:21

O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:5

Oir falaichidh e mi na sgàth-thaigh ann an là an uilc; falaichidh e mi ann an diamhaireachd a phàillein; air carraig togaidh e suas mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 32:18

Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:5-6

A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd: A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 6:35

Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 48:14

Oir is e an Dia seo ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal; stiùraidh e sinn gu ruig am bàs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 3:18

Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:3

Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan