Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè:
A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;
Agus bidh eòlas againn: thèid sinn air ar n‑aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearna: tha a dhol a‑mach air ullachadh mar a’ mhadainn; agus thig e dar n‑ionnsaigh mar an t‑uisge; mar an t‑uisge deireannach, agus an ciad uisge air an talamh.
A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs;
Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.
Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan; Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;
Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas: Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd-sa, deir an Tighearna.
Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd:
Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.
Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithean naomha, tuigse.
Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; tha deagh thuigse acasan uile a nì a àitheantan-san; mairidh a chliù gu bràth.
Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là.
An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal-sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam; Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.
Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.
Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd; Uime sin ma fhuair sibh bàs maille ri Crìosd o chiad-thoiseachan an t‑saoghail, carson, mar dhaoine a tha beò anns an t‑saoghal, a tha sibh fo òrdaighean, (Na bean ri, na blais, na làimhsich; Nithean a thèid uile an neoni len gnàthachadh), a rèir àitheantan agus teagasgan dhaoine? Nithean gun amharas aig a bheil samhladh gliocais ann an adhradh fèin-thoile agus irioslachd, agus mì‑chaomhnadh a’ chuirp, chan ann an urram sam bith a‑chum sàsachadh na feòla. Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte.
Ach dh’fhoillsich Dia dhuinne iad le a Spiorad: oir tha an Spiorad a’ rannsachadh nan uile nithean, eadhon nithean domhain Dhè. Oir cò an duine don aithne nithean duine, ach do spiorad an duine a tha ann? Mar sin chan eil fhios aig neach sam bith air nithean Dhè, ach aig Spiorad Dhè. A‑nis fhuair sinne, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia; a‑chum gum biodh aithne againn air na nithean sin a thugadh dhuinn gu saor le Dia.
O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!
Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
A rèir mar a dheònaich a chumhachd diadhaidh-san dhuinn na nithean sin uile a bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd, tre eòlas an tì sin a ghairm sinn a‑chum glòire, agus deagh-bheus:
Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;
Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son-se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;
Iarraibh an Tighearna, am feadh a tha e ra fhaotainn; gairmibh air, am feadh a tha e am fagas. Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;
Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.
Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.
Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.
Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh.
O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.
Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.
An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.
Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid: Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche.
Agus gabhaidh spiorad an Tighearna còmhnaidh air, spiorad gliocais agus tuigse, spiorad comhairle agus cumhachd, spiorad eòlais agus eagal an Tighearna:
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Neach as e ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich, ciad-ghin a’ chruthachaidh uile: Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean: Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh.
Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh. Nas mò rin iarraidh tha iad na an t‑òr, seadh, na mòran den òr fhìorghlan; agus nas mìlse na a’ mhil, seadh, na a’ mhil a shileas as na cìrean-meala. Os bàrr, tha do sheirbhiseach a’ faotainn rabhaidh uapa; nan coimhead tha mòr-dhuais. Cò a thuigeas a sheachrain? O lochdan diamhair glan thusa mi. Mar an ceudna, o pheacaidhean dànadais cùm air ais d’òglach; na biodh àrd-cheannas aca orm; an sin bidh mi ionraic, agus bidh mi neo-chiontach o easaontas mòr. Biodh briathran mo bheòil agus smuaintean mo chridhe taitneach ad làthair, a Thighearna, mo charraig agus m’fhear-saoraidh. Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais do oidhche.
Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead?
Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimheadaidh mi e lem uile chridhe.
Agus bheir mi dhut ionmhasan an dorchadais, agus taisgeachan nan ionadan diamhair; a‑chum gum bi fhios agad gur mise an Tighearna, a ghairm thu air d’ainm, Dia Israeil.
Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.
Oir chan iad mo smuaintean-sa ur smuaintean-se, cha mhò is iad ur slighean-se mo shlighean-sa, deir an Tighearna. Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ur slighean-se, agus mo smuaintean-sa seach ur smuaintean-se.
Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.
Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachdan, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch.
Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean-san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca:
Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.
Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.
Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.
Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.
Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Oir is e seo gràdh Dhè, sinn a choimhead a àitheantan: agus chan eil a àitheantan-san trom.
Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;
Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart.
Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach.
Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.
Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa: Oir is taitneach an nì e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom, ma bhios iad araon deas air do bhilean. A‑chum gum biodh d’earbsa as an Tighearna, nochd mi dhut an‑diugh, eadhon dhutsa.
Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;
Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh.
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
Ach nuair a thig esan, Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh a‑chum gach uile fhìrinn: oir cha labhair e uaithe fhèin: ach labhraidh e na h‑uile nithean a chluinneas e: agus foillsichidh e dhuibhse nithean a tha ri teachd.
Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh: Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar.
Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;
Nuair a thubhairt thusa, Iarraibh-se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi.
Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.
Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.
Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:
Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.
Neach leis an àill na h‑uile dhaoine a bhith air an tèarnadh, agus iad a theachd a‑chum eòlas na fìrinn.
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne. Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas; Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e. Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan. An àite droighne fàsaidh an giuthas, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bidh e don Tighearna mar ainm, mar chomharradh bith-bhuan, nach cuirear as àite. Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.
Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.
Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.
Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd; A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo-choireach, na làthair-san ann an gràdh:
Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.
Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.
Os cionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn, oir is iad do theisteis mo chùis-smaoineachaidh.
Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Ach cha d’fhòghlaim sibhse Crìosd mar seo; O chuala sibh e, agus o theagaisgeadh leis sibh, mar a tha an fhìrinn ann an Iosa:
A dh’fhoillsich dhuinn rùn-diamhair a thoile, a rèir a dheagh-ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin:
Oir cò dom b’aithne inntinn an Tighearna, agus a theagaisgeas e? Ach tha inntinn Chrìosd againne.
Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.
Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.
Mar a thogras am fiadh a‑chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’ togairt ad ionnsaigh, a Dhè.
Tha esan a choimheadeas fòghlam anns an t‑slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seachran.
Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.
Treòraichidh e na daoine ciùine ann am breitheanas, agus teagaisgidh e do na daoine ciùine a shlighe.
Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.
Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.
Agus cha robh m’fhacal agus mo shearmonachadh ann am briathran milis gliocas dhaoine, ach ann an làn-dearbhadh an Spioraid, agus a’ chumhachd: A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.
Gràs an Tighearna Iosa Crìosd, agus gràdh Dhè, agus co‑chomann an Spioraid Naoimh, gu robh maille ribh uile. Amen.
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail-sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e.
Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad-fhulangas agus theagasg.