Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


138 Rannan Beiblidh: Neart Ùr

138 Rannan Beiblidh: Neart Ùr


Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:1

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:32

Is e Dia a tha gam chrioslachadh le neart agus a’ dèanamh mo shlighe iomlan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:1

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:13

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 29:11

Bheir an Tighearna a neart da shluagh; beannaichidh an Tighearna a shluagh le sìth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 12:9

Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 28:7

Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:28

Tha m’anam a’ leaghadh as le tùrsa; neartaich mi a rèir d’fhacail.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:1-2

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn, Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd. Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris. Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga; Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh. Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna: A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh: Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith. Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir. Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn, Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh: Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:5

A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath-nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:24

Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:26

Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 1:7

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:29

Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 3:12-13

Tha fhios agam nach eil math air bith annta, ach gum biodh duine subhach, agus gun dèanadh e math rè a bheatha. Agus mar an ceudna gun itheadh agus gun òladh gach duine, agus gum mealadh e math a shaothrach uile, is e sin tìodhlac Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:3-4

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 33:25

Bidh do bhrògan nan iarann agus nan umha; agus mar do làithean is amhlaidh a bhios do neart.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 94:19

Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:31

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:1-2

Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart. Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe. Chuir e dorchadas mar ionad diamhair mun cuairt air; bu phàillean dha duibhre uisgeachan, neòil nan speur. On dealradh a bha fa chomhair chaidh a neòil thairis, clachan-meallain agus èibhlean teine. Agus rinn an Tighearna tàirneanaich anns na speuran, agus chuir an Tì as àirde a‑mach a ghuth. Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein-adhair, agus chlaoidh e iad. Agus chunnacas aigean nan uisgeachan, agus nochdadh bunaitean an domhain led achmhasan, a Thighearna, le sèideadh anail d’fheirge. Chuir e a‑nuas on àirde, ghlac e mi, tharraing e mi à uisgeachan lìonmhor. Shaor e mi om nàmhaid làidir, agus uapasan a dh’fhuathaich mi, oir bu treasa iad na mise. Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair, ach bha an Tighearna na chùl-taice dhomh. Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing; shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam. Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 18:10

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 121:1-2

Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:1-2

Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu. Is sibhse m’fhianaisean-sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh. Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann. Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia. Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e? Mar seo deir an Tighearna, ur fear-saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son-se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn-dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan. Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh. Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir; A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart. Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh. Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 3:5

Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:10

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 22:19

Ach na bi‑sa, a Thighearna, fada uam; O thusa mo neart, greas gum chobhair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 62:5-6

A‑mhàin air Dia feith, O m’anam, oir is ann uaithesan a tha mo dhòchas. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:23

Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 58:11

Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor-uisge, air nach tig fàiling uisge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:1-3

Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh. Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr. A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi. Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi. Guma toil leat, a Thighearna, mo theasairginn; greas, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh. Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà! Dèanadh iadsan uile a dh’iarras thusa gàirdeachas agus aoibhneas annad; abradh iadsan an còmhnaidh a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr-mholadh gu robh don Tighearna. Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear-cobhair agus m’fhear-saoraidh; a Dhè, na dèan moille. Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman. Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran-molaidh dar Dia: chì mòran e, agus bidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 24:10

Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair, is beag do neart.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 130:5

Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 112:7-8

Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna. Tha a chridhe air a shocrachadh; cha bhi eagal air, gus am faic e crìoch a naimhdean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:114

Is tusa m’ionad-falaich agus mo sgiath; as d’fhacal-sa tha m’earbsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 19:26

Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:17

Ghlaodh na fìreanan, agus dh’èisd an Tighearna, agus as an teanntachdan gu lèir shaor e iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:12

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 16:13

Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:116

Cùm suas mi a rèir d’fhacail, agus mairidh mi beò; agus na leig fo nàire mi a‑thaobh mo dhòchais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:13

Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:1-2

Riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam suas. Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis. Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr. Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e. Nì a anam tàmh ann am math, agus mealaidh a shliochd an tìr. Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal. Tha mo shùilean a‑ghnàth ris an Tighearna, oir bheir esan mo chasan as an lìon. Amhairc orm, agus gabh truas dhìom, oir tha mi am aonar agus fo àmhghar. Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud; om àmhgharan saor thusa mi. Amhairc air m’àmhghar agus air mo phèin, agus lagh mo pheacaidhean gu lèir. Amhairc air mo naimhdean, oir tha iad lìonmhor, agus le fuath anabarrach tha iad gam fhuathachadh. Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:11

Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir-san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad-fhulangais maille ri gàirdeachas;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:11

Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 126:5-6

Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas. Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 3:16

Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad-san anns an duine an leth a‑staigh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:147

Thàinig mi ron sgarthanaich, agus dh’èigh mi; as d’fhacal dh’earb mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:16

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 54:1

Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 12:2

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:3-4

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 62:1-2

Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 15:7

Ach bithibh-se làidir, agus na biodh ur làmhan lag; oir tha duais ann airson ur n‑obrach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 84:5-7

Is beannaichte an duine sin aig a bheil a neart annadsa, agus iadsan aig a bheil do shlighean nan cridhe. A’ dol tro ghleann Baca, nì iad sin tobar ann; lìonaidh mar an ceudna an t‑uisge na linneachan. Imichidh iad o neart gu neart; nochdar gach aon dhiubh an làthair Dhè ann an Sion.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:3

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:14

Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:4

Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:32

Ann an slighe d’àitheantan ruithidh mi, nuair a chuireas tu mo chridhe ann am farsaingeachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:4

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 6:9

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:18

Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 6:19

Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 33:2

O Thighearna, dèan tròcair oirnn; ortsa tha sinn a’ feitheamh; bi thusa ad ghàirdean dhaibh gach madainn; ar slàinte fòs ri àm na h‑airce.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:37

Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:39-40

Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd; Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe. Agus cuidichidh an Tighearna leo, agus teasairgidh e iad; teasairgidh e iad o dhroch dhaoine, agus saoraidh e iad, a chionn gun d’earb iad as.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:5-6

Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:8

Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 3:1

Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:9

An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:105

Is lòchran d’fhacal dom chois agus solas dom cheum.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 17:22

Nì cridhe subhach math mar leigheas; ach tiormaichidh spiorad briste na cnàmhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:13

Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:14

Is e an Tighearna mo neart agus mo cheòl, agus is e mo shlàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 93:4

Os cionn toirm uisgeachan lìonmhor, os cionn tonnan neartmhor na mara, is neartmhor anns na h‑àrdan an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:66

Teagaisg dhomh deagh thuigse agus eòlas, oir chreid mi d’àitheantan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 6:10

Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 130:1-2

O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna. A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:5

A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 146:5

Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 4:16

Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:5

Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 71:20-21

A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidhe, a bheothaicheas mi a‑rìs, agus o dhoimhneachdan na talmhainn a bheir mi a‑nìos a‑rìs? Meudaichidh tu mo mhòrachd, agus air gach taobh bheir thu sòlas dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:10-11

Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais. Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 15:58

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:26

Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:19

Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:22

Tionndaidh uam masladh agus tàir, oir ghlèidh mi do theisteis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:18

Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd-bròin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:22-23

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:12-13

Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga; Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 112:7

Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 20:15

Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:34

Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:16

Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:1

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 138:7

Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:20

Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 55:22

Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 42:11

Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:12

A‑chum gun seinneadh mo ghlòir cliù dhut, agus nach biodh i na tosd. A Thighearna mo Dhia, gu bràth molaidh mise thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 35:4

Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 3:6

Chan eagal leam deich mìle sluaigh, a chuir iad fhèin am aghaidh air gach taobh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 9:10

Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 5:12

Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh-ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 118:6

Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:3

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:4

Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:5

Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 2:9

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:135

Thoir air do ghnùis dealrachadh air d’òglach, agus teagaisg dhomh do reachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:19-20

Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine! Aom am ionnsaigh do chluas; gu grad furtaich orm; bi‑sa ad charraig làidir dhomh, ad thaigh-tèarmainn a‑chum mo dhìon. Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 26:4

Cuiribh-se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:1-5

Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh-san. A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn. Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais. Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e; Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn. An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth; Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò. Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh. Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile. Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile. Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail. Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile. Beannaichibh an Tighearna, a obraichean uile, anns gach àite de a thighearnas; beannaich an Tighearna, O m’anam! Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile; A shaoras do bheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas gràidh agus le caomh-thròcairean; A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath-nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:14

Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 3:5

Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 138:3

Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 63:1-3

A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge; Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhreann do na sionnaich bidh iad. Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug. A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir. A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:7

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 127:2

Is dìomhain dhuibhse a bhith ag èirigh gu moch, a bhith a’ suidhe gu h‑anmoch, ag ithe aran a’ bhròin, nuair a bheir esan cadal do fhear a’ ghràidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 68:19

Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:18

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:5

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:6-7

Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh; A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:5

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:4

Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:76

Bidh a‑nis do thròcair chaomh a‑chum comhfhurtachd dhomh, a rèir d’fhacail rid òglach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 5:7

(Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:34

Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:28-30

An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan bheir e iad. Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh. Agus a chruinnich e as na tìrean, on àird an ear agus on àird an iar, on àird a tuath agus on àird a deas. An sin bidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:8

Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan