Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


98 Rainn Bhìoball mu Chothrom Eile

98 Rainn Bhìoball mu Chothrom Eile


Tuireadh Ieremiah 3:22-23

Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 3:9

Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 15:18-21

Eiridh mi, agus thèid mi a dh’ionnsaigh m’athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa. Agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac-sa dhìom: dèan mi mar aon ded luchd-tuarasdail. Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e. Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ioel 2:13

Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 43:18-19

Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 7:18-19

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair. Tillidh e a‑rìs, gabhaidh e truas dhinn; còmhdaichidh e ar n‑easaontais: seadh, tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:12

Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 1:18

Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 5:17

Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 1:9

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:1

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:8-9

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 7:14

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 18:32

Oir chan eil tlachd agamsa ann am bàs an tì a bhàsaicheas, tha an Tighearna Dia ag ràdh: uime sin, tillibh-se, agus mairibh beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ioel 2:25

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:18

Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd-bròin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:6

Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 2:1

Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 12:20

Cha bhris e a’ chuilc bhrùite, agus cha mhùch e an lìon as am bi deatach, gus an tabhair e a‑mach breitheanas a‑chum buaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 24:7

Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 25:7

Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:29

Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 9:28

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 18:13-14

Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach. Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 10:43

Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 6:11

Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Sechariah 1:3

Agus abair thusa riu, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se riumsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus tillidh mise ribhse, deir Tighearna nan sluagh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 1:3

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 2:11

Oir dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhè do na h‑uile dhaoine;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:8

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 6:1

A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:15

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 11:29

Oir tha tìodhlacan agus gairm Dhè gun aithreachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 18:27

An sin air do thighearna an òglaich sin truas mòr a ghabhail dheth, leig e a chead dha, agus mhaith e na fiachan dha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Samuel 12:13

Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 33:11

Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 21:15-17

An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain. Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich. Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 5:32

Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 17:30

A‑nis air do Dhia amharc thairis air aimsirean an aineolais seo, tha e a‑nis ag àithneadh do na h‑uile anns gach àite aithreachas a dhèanamh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:18

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:8-9

Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair. Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:13

Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:13-14

An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 103:3-4

Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile; A shaoras do bheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas gràidh agus le caomh-thròcairean;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 6:36

Bithibh-se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 66:2

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 8:11

Thubhairt ise, Cha do dhìt aon duine, a Thighearna. Agus thubhairt Iosa rithe, Cha mhò a tha mise gad dhìteadh: imich romhad, agus na peacaich nas mò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:13

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:17

Agus am peacaidhean agus an euceartan cha chuimhnich mi nas mò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:2

Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 12:20

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ionah 3:1-10

Agus thàinig facal an Tighearna gu Ionah an dara uair, ag ràdh, Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 28:13

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 3:13-14

A bhràithrean, chan eil mi a’ meas gun do ghlac mi greim: ach aon nì tha mi a’ dèanamh, air dhomh na nithean a tha air mo chùl a dhìochuimhneachadh, agus a bhith gam shìneadh fhèin a‑chum nan nithean a tha romham, Tha mi a’ dian-ruith a dh’ionnsaigh a’ chomharraidh, a‑chum duais àrd-ghairm Dhè ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 51:10

Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 1:7

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 6:4

Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid-ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 3:5

Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:5

Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:2

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 2:38

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 23:43

Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:10

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 31:34

Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:1

Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 4:32

Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 86:5

Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:7

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:14-15

Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna: Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh-se ur cionta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 3:19

Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 8:12

Oir bidh mise tròcaireach dan euceartan, agus am peacaidhean agus an aingidheachd cha chuimhnich mi nas mò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:7

An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:16

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 7:47

Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:7

Is beannaichte na daoine tròcaireach: oir gheibh iad tròcair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 36:26

Bheir mi fòs dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhibh; agus buinidh mi air falbh an cridhe cloiche as ur feòil, agus bheir mi dhuibh cridhe feòla.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 5:15

Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 145:14

Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 6:37

Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 2:13

Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 32:5

Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 44:22

Dhubh mi as, mar neul, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 1:15

Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:24

Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:20

Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 12:9

Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:13-14

A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san: Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 18:21-22

Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair? Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì-fichead seachd uairean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 51:1-2

Dèan tròcair orm, a Dhè, a rèir do choibhneas gràidh; a rèir lìonmhorachd do chaomh-thròcairean, dubh as m’easaontas. Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom. Na tilg mi od shealladh, agus na toir do spiorad naomh uam. Aisig dhomh gàirdeachas do shlàinte, agus led spiorad saor cùm suas mi. Teagaisgidh mi do luchd-easaontais do shlighean, agus iompaichear peacaich ad ionnsaigh. Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd. A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù. Oir chan iarr thu ìobairt, no bheirinn dhut i; ann an ìobairt-loisgte chan eil tlachd agad. Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir. Dèan math, ad dheagh-ghean, do Shion; tog suas ballachan Ierusaleim. An sin taitnidh ìobairtean ionracais riut, ìobairtean-loisgte agus làn ìobairtean-loisgte; an sin ìobraidh iad tairbh òga air d’altair. Gu h‑iomlan ionnail mi om lochd, agus glan mi om pheacadh,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 3:23-24

Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 3:16

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:11

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 24:16

Oir seachd uairean tuitidh am fìrean, agus èiridh e a‑rìs; ach tuitidh na h‑aingidh ann an olc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan