Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite; Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.
Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn.
Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin;
Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin, Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo-lochdach, agus neo-choireach, na làthair:
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.
Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd.
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.
Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.
Iarraibh an Tighearna, am feadh a tha e ra fhaotainn; gairmibh air, am feadh a tha e am fagas. Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.
Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan.
Agus is beag nach eil na h‑uile nithean air an glanadh le fuil a rèir an lagha; agus as eugmhais dòrtadh fala chan eil maitheanas ra fhaotainn.
Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair. Tillidh e a‑rìs, gabhaidh e truas dhinn; còmhdaichidh e ar n‑easaontais: seadh, tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge.
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.
Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.
Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;
Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah.
Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.
Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.
Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.
Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh; A dhòirt e oirnn gu saoibhir, tre Iosa Crìosd ar Slànaighear; A‑chum air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre a ghràs, gum bitheamaid air ar dèanamh nar n‑oighreachan a rèir dòchas na beatha maireannaich.
Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.
Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:
Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.
Dhubh mi as, mar neul, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu.
Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.
Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas? Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad.
Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort.
Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean.
Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;
Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.
Uime sin ma bheir thu do thabhartas a‑chum na h‑altarach, agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil nì air bith aig do bhràthair ad aghaidh; Fàg do thabhartas an sin an làthair na h‑altarach, agus imich, agus dèan rèite air tùs rid bhràthair, agus an dèidh sin thig agus tabhair uat do thìodhlac.
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
Oir bidh mise tròcaireach dan euceartan, agus am peacaidhean agus an aingidheachd cha chuimhnich mi nas mò.
Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.
Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac. An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.
Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san.
Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.
Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.
Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
Ach a mheud is a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd a bhith nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibhsan a tha a’ creidsinn na ainm:
Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.
Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.
Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.
A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.
An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.
A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh.
Mar sin mar an ceudna measaibh-se gu bheil sibh fhèin gu deimhinn marbh don pheacadh, ach beò do Dhia tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.
Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.
Oir mar ann an Adhamh a tha na h‑uile a’ faghail a’ bhàis, is amhail sin mar an ceudna a nìthear na h‑uile beò ann an Crìosd.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.
Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.
Na nithean seo sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh-se a tha a’ creidsinn ann an ainm Mac Dhè; a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh, agus a‑chum gun creid sibh ann an ainm Mac Dhè.
Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;
Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.
A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd:
Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair; A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh; Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair. Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith: Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin. Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd: A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail; A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain. Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile. Air an dòigh cheudna biodh aoibhneas oirbhse, agus dèanaibh gàirdeachas maille riumsa. Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse. Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh.
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.
Agus gun tugadh an Tighearna oirbh fàs, agus a bhith ro‑phailt ann an gràdh da chèile, agus do na h‑uile dhaoine, mar a tha sinne dhuibhse; A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.
Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;