Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan. Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh. Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah. Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge.
Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.
Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.
Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.
A‑mhàin air Dia feith, O m’anam, oir is ann uaithesan a tha mo dhòchas. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear mi.
Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.
A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,
Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh:
Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:
Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu. Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Oir chan iad mo smuaintean-sa ur smuaintean-se, cha mhò is iad ur slighean-se mo shlighean-sa, deir an Tighearna. Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ur slighean-se, agus mo smuaintean-sa seach ur smuaintean-se.
Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh-san gun do chuir sinn ar dòigh. Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad.
Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?
Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.
Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.
Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?
Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.
Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.
Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia.
Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.
Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin? Mura eil sibh uime sin comasach air an nì as lugha a dhèanamh, carson a tha sibh ro‑chùramach mu nithean eile?
Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh; A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach; Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.
Bidh easbhaidh air na leòmhainn òga, agus bidh acras orra, ach orrasan a dh’iarras an Tighearna cha bhi math air bith a dhìth.
Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e. Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
Nach eil dà ghealbhan air an reic air feòirling: agus cha tuit a h‑aon dhiubh air an talamh as eugmhais freasdal ur n‑Athar-se. Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus; Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh. Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte.
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là.
Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean.
Uime sin na tilgibh uaibh ur muinghinn, aig a bheil mòr dhìol-thuarasdal. Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.
Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.
Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.
Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò. Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.
Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh. Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam. Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.
Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.
Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.
Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;
Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.
Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt. Agus is aithne dhàsan a tha a’ rannsachadh nan cridheachan ciod i inntinn an Spioraid, do bhrìgh gu bheil e a’ dèanamh eadar-ghuidhe airson nan naomh a rèir toil Dhè.
Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.
Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail-sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e.
Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.
Cuiribh-se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.
Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.
Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.
Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama:
Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, agus a chuireas a dhòchas ann an Iehòbhah: Oir bidh e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a‑mach a freumhan ri taobh an t‑srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bi a duilleach uaine, agus air nach bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, cha mhò a sguireas i de thoirt seachad toraidh.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.
Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh; Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;
Glaodhaidh mise ri Dia, agus saoraidh Iehòbhah mi. Air feasgar, air madainn agus aig meadhon-là nì mi ùrnaigh, agus glaodhaidh mi gu h‑àrd; agus èisdidh esan rim ghuth.
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;
Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach. Cuiridh beul an fhìrein an cèill gliocas, agus labhraidh a theanga breitheanas. Tha lagh Dhè na chridhe; cha shleamhnaich a cheuman. Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh. Chan fhàg an Tighearna e na làimh, agus cha dìt e e nuair a bheirear gu breith e. Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e. Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr-chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine. Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e. Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin. Ach sgriosar luchd-easaontais faraon; gearrar as crìoch dhroch dhaoine. Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd; Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe.
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan. An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair. Oir is i seo an teachdaireachd a chuala sibh o thùs, sinn a thoirt gràidh da chèile: Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta. Na biodh ioghnadh oirbh, mo bhràithrean, ged dh’fhuathaicheas an saoghal sibh. Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs. Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann. Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean. Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan? Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn. Agus le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn den fhìrinn, agus bheir sinn dearbhachd dar cridheachan na làthair. A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.
Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à uachdarain.
A shaor sinne, agus a ghairm sinn le gairm naoimh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin, agus a ghràis a thugadh dhuinn ann an Iosa Crìosd, ro thoiseach an t‑saoghail;
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.
Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh.
Sealladh do shùilean gu ceart romhpa, agus seòladh rosgan do shùl gu dìreach romhad. Cothromaich ceuman do chas, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh.
Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe. Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.
Anns a bheil againn dànachd agus slighe gu dol a‑steach ann am muinghinn tre a chreideamh-san.
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh, Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.
Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh.
Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna.
A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.
Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.
Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.
Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil.
A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile.
Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs: An dèidh sin, sinne a bhios beò agus a dh’fhàgar, togar suas sinn maille riùsan anns na neòil, an còdhail an Tighearna anns an adhar: agus mar sin bidh sinn gu sìorraidh maille ris an Tighearna.
Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh.
Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.