Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha aca uchd-èididhean, mar uchd-èididhean iarainn, agus bha fuaim an sgiathan mar fhuaim carbadan mòran each a’ ruith a‑chum catha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich.

Tha a chnàmhan làidir mar umha; tha a chnàmhan mar chroinn iarainn.

Oir tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.

Ri fuaim tartar iongannan each meamnach, ri faram a charbad, ri stairirich a rothan, cha seall na h‑athraichean air an ais rin cloinn le laigse làmh;

Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd-èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan