Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha falt orra cosmhail ri falt bhan, agus bha am fiaclan mar fhiaclan leòmhann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e; agus chuir i dath ma sùilean, agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i a‑mach air uinneig.

Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.

Agus an àite deagh fhàile bidh brèine, agus an àite criosa bidh sracadh, agus an àite fuilt air a dheagh-chleachdadh bidh maoile, agus an àite crios-uchd bidh ceanglachan sac-eudaich, agus losgadh an àite maise.

Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann-sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan-carbaid leòmhainn bhoirinn aca.

Agus mar a thubhairt Esaias roimhe, Mura fàgadh Tighearna nan sluagh sìol againn, dhèante sinn mar Shòdom, agus bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.

Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor;

Na b’i ur brèaghachd fighe an fhuilt agus a’ cur òir oirbh, agus dheagh thrusgan umaibh, a’ bhrèaghachd sin on leth a‑muigh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan