Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha cruth nan lòcast cosmhail ri eich air an ullachadh a‑chum catha; agus bha air an cinn mar gum biodh crùin cosmhail ri òr, agus bha an aghaidhean cosmhail ri aghaidhean dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Bha a’ chiad aon cosmhail ri leòmhann, agus bha sgiathan iolaire aige: agus dh’amhairc mi gus an do spìonadh a sgiathan, agus thogadh suas on talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasan mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine.

Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.

Tha iadsan a chrùnadh annad mar na lòcaist, agus do chinn-fheadhna mar na fionnain-fheòir, a chòmhnaicheas anns na barranan anns an là fhuar; ach nuair a dh’èireas a’ ghrian teichidh iad air falbh, agus chan eil fhios cia an t‑àite anns a bheil iad.

Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.

Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan