Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh-sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh-sa; ach caomhain a bheatha.

Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhut; fuidheall na feirge caisgidh tu.

Agus thèid an Tighearna thairis a bhualadh nan Eiphiteach; agus nuair a chì e an fhuil air an àrd-doras, agus air an dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air an doras, agus cha leig e leis a’ mhilltear teachd a‑steach dur taighean gu ur bualadh.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe.

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.

Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò-chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon.

Agus an dèidh nan nithean sin, chunnaic mi ceithir aingil nan seasamh air ceithir oisinnean na talmhainn, a’ cumail ceithir ghaothan na talmhainn, a‑chum nach sèideadh a’ ghaoth air an talamh, no air an fhairge, no air craoibh sam bith.

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan