Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, ach cuiridh mise rithe; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Agus cruinnichear ur creach mar a chruinnicheas am burras: mar shiubhal nan lòcast, thig e orra.

Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad.

An nì sin a dh’fhàg a’ phailm-chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh-bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh-bheist, dh’ith am burras.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

An sin nì an teine do chaitheamh; gearraidh an claidheamh as thu, ithidh e suas thu mar a’ chnàmh-chnuimh: dèan thu fhèin lìonmhor mar a’ chnàmh-chnuimh, dèan thu fhèin lìonmhor mar an lòcast.

Tha iadsan a chrùnadh annad mar na lòcaist, agus do chinn-fheadhna mar na fionnain-fheòir, a chòmhnaicheas anns na barranan anns an là fhuar; ach nuair a dh’èireas a’ ghrian teichidh iad air falbh, agus chan eil fhios cia an t‑àite anns a bheil iad.

Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.

A threòraich thu tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin, far an robh nathraichean loisgeach, agus sgorpionan, agus ionadan tartmhor far nach robh uisge; a thug a‑mach dhut uisge as a’ charraig ailbhinn;

Agus thugadh dhaibh, chan e gum marbhadh iad iad, ach gum biodh iad air am pianadh rè chòig mìosan: agus bha am pian cosmhail ri pèin scorpion, nuair a bhuaileas e duine.

Agus bha cruth nan lòcast cosmhail ri eich air an ullachadh a‑chum catha; agus bha air an cinn mar gum biodh crùin cosmhail ri òr, agus bha an aghaidhean cosmhail ri aghaidhean dhaoine.

Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan