Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha mhò a ghabh iad aithreachas dem mort, no den draoidheachd, no den strìopachas, no den gadachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh.

Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan.

Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.

Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:

Air eagal, nuair a thig mi a‑rìs, gun ìslich mo Dhia mi nur measg, agus gun dèan mi caoidh airson mòran den dream a pheacaich cheana, agus nach do ghabh aithreachas den neòghlaine, agus strìopachas, agus mhacnas, a rinn iad.

Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.

Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;

Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh.

Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.

Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais.

Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad.

Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.

Agus air clàr a h‑aodainn bha ainm sgrìobhte, RUN-DIAMHAIR, BABILON MHOR, MATHAIR NAN STRIOPACH AGUS GRAINEALACHDAN NA TALMHAINN.

Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.

Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan