Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine a chaidh eadar na mìrean sin.

Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn.

Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.

Nuallaich, O gheata; èigh, O chathair; O Phalistìna, tha thu uile air do leaghadh as; oir on àird a tuath thig deatach, agus cha bhi neach aonaranach na thràthan suidhichte.

Agus cò air bith nach tuit sìos, agus nach dèan adhradh, tilgear e anns an uair sin fhèin ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

Bidh ball-chrith air an talamh romhpa, criothnaichidh na nèamhan: bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Agus nochdaidh mi iongantasan anns na nèamhan, agus air an talamh; fuil, agus teine, agus smùidrich dheataich.

Agus nochdaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas, agus comharraidhean air an talamh shìos; fuil, agus teine, agus dubh-neul deataich:

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.

Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion.

Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd-èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan