Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.
Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;
Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad.
Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.
Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.
Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.
Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd-èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg.