Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e àireamh armailtean a’ mharc-shluaigh fichead mìle de dheich mìltean: agus chuala mi an àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.

Sgeadaichte le gorm, nan cinn-fheadhna, agus nan luchd-riaghlaidh, iad uile nan òganaich àillidh, marc-shluagh, a’ marcachd air eich.

Agus tillidh mi air d’ais thu, agus cuiridh mi dubhain ann ad ghiallan, agus bheir mi a‑mach thu fhèin, agus d’fheachd uile, eich agus marcaich, iad uile air an èideadh leis gach uile ghnè armachd; cuideachd mhòr le targaidean agus le sgiathan, an t‑iomlan dhiubh ag iomairt chlaidheamhan:

Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis.

Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.

Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi guth mòran aingeal timcheall na rìgh-chathrach, agus nam beò-chreutairean, agus nan seanairean; agus b’e an àireamh deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean:

Agus chuala mi àireamh na dream a sheulaicheadh: ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, a sheulaicheadh de uile threubhan chloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan