Chaidh aon truaighe thairis; feuch, tha dà thruaighe ri teachd fhathast an dèidh seo.
Chaidh an dara truaighe thairis: feuch, thig an treas truaighe gu h‑aithghearr.
Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh!