Taisbeanadh 9:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion. Faic an caibideil |
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.