Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha earbaill aca cosmhail ri scorpionan, agus bha gathan nan earbaill: agus b’e an cumhachd daoine a chiùrradh rè còig mìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, ach cuiridh mise rithe; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad.

No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha?

Oir tha an cumhachdan nam beul, agus nan earbaill: oir bha an earbaill cosmhail ri nathraichean, agus bha cinn aca, agus leo sin nì iad dochann.

Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn.

Agus thugadh dhaibh, chan e gum marbhadh iad iad, ach gum biodh iad air am pianadh rè chòig mìosan: agus bha am pian cosmhail ri pèin scorpion, nuair a bhuaileas e duine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan