Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Cionnas a tha thu air tuiteam o nèamh, a reul dhealrach, a mhic na maidne! Cionnas a bha thu air do ghearradh sìos gu làr, thusa a thug fo ghèill na cinnich!

Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.

Agus ghuidh iad air gun àithne a thoirt dhaibh dol sìos don doimhneachd.

No, Cò a thèid sìos don doimhne? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑rìs air ais o na mairbh:)

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Agus nuair a chrìochnaicheas iad am fianais, nì am fiadh-bheathach a dh’èireas as an t‑sloc gun ìochdar cogadh nan aghaidh, agus bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Agus chunnaic mi aingeal a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus iuchair sloc an dubh-aigein aige, agus slabhraidh mhòr na làimh.

Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.

Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan