Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair an treas cuid de na creutairean a bha anns an fhairge, aig an robh anam, bàs; agus mhilleadh an treas cuid de na longan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Le gaoith an ear mion-bhrisidh tu longan Tharsis.

Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Agus air uile longan Tharsis, agus air na h‑uile dhealbhan sgiamhach.

Trom-eallach Thìruis. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim dh’fhoillsicheadh dhaibh e.

Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan