Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Airson an uisge thug e dhaibh clach-mheallain, agus teine lasrach, nan tìr.

Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.

Feuch, tha aig an Tighearna fear cumhachdach agus làidir, mar stoirm mheallain, mar dhoininn mhilltich, mar thuil uisgeachan mòra a’ taomadh thairis, a thilgeadh sìos a‑chum an làir le a làimh.

Smachdaichear thu le Tighearna nan sluagh, le tàirneanaich, agus le crith-thalmhainn, agus le treun ghuth, le stoirm agus doininn, agus lasair theine chaithtich.

Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan-meallain.

Nuair a thig a’ chlach-mheallain a‑nuas air an doire, agus a nìthear a’ chathair cho ìosal ris a’ chòmhnard.

Agus tagraidh mi na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidh mi air fhèin, agus air a bhuidhnean, agus air a’ mhòr-shluagh a tha maille ris, frasan tuilteach, agus clachan-meallain mòra, teine agus pronnasg.

Agus nochdaidh mi iongantasan anns na nèamhan, agus air an talamh; fuil, agus teine, agus smùidrich dheataich.

Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.

Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet-horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan-meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh.

Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth:

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.

Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.

Agus an dèidh nan nithean sin, chunnaic mi ceithir aingil nan seasamh air ceithir oisinnean na talmhainn, a’ cumail ceithir ghaothan na talmhainn, a‑chum nach sèideadh a’ ghaoth air an talamh, no air an fhairge, no air craoibh sam bith.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.

Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan