Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.

Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.

Agus chuir e an altair òir ann am bùth a’ choitheanail, air beulaibh an roinn-bhrait,

An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach;

Bha an altair fhiodha trì làmhan-coille air àirde, agus dà làmh-choille air fad; air a dèanamh ceàrnach le oisnean agus clàran fiodha: agus thubhairt e rium, Seo am bòrd a tha fa chomhair an Tighearna.

Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd-doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e.

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

Agus air an altair òir sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad i le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.

Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh ri àm na tùise.

Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;

Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.

Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò-chreutairean, agus na ceithir-seanairean-fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis-shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh.

Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:

Agus chunnaic mi aingeal eile ag èirigh on àird an ear, aig an robh seula an Dè bheò: agus ghlaodh e le guth mòr ris na ceithir aingil, don tugadh cumhachd cron a dhèanamh air an talamh agus air an fhairge,

Agus chaidh deatach na tùise suas maille ri ùrnaighean nan naomh, o làimh an aingil, an làthair Dhè.

Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith-thalmhainn ann.

Agus shèid an siathamh aingeal a thrompaid, agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altair òir, a tha am fianais Dhè,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan