Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Oir cò a rinn dìmeas air là nan nithean beaga? Nì eadhon iadsan gàirdeachas, agus chì iad an t‑sreang-thomhais an làimh Sherubabeil. Is iad an t‑seachdnar seo sùilean an Tighearna; tha iad a’ ruith sìos agus suas air feadh na talmhainn uile.

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall-truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth-iomall nèimh gus an leth-iomall eile.

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.

Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.

Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.

Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs:

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.

Agus chuala mi guth mòr as an teampall, ag ràdh ris na seachd aingil, Imichibh, agus taomaibh soithichean fearg Dhè air an talamh.

Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh!

Agus dh’ullaich na seachd aingil aig an robh na seachd trompaidean iad fhèin, a‑chum an sèideadh.

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan