Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.

An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.

Chunnaic mi an talamh, agus, feuch, bha e gun dealbh agus falamh; na nèamhan fòs, agus bha iad gun solas.

Bidh ball-chrith air an talamh romhpa, criothnaichidh na nèamhan: bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Dorchaichear a’ ghrian agus a’ ghealach, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh.

Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, gun toir mise air a’ ghrèin dol fodha air mheadhon-là, agus nì mi an talamh dorcha anns an là shoilleir.

Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair.

Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe;

Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair.

Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus comharraichte sin an Tighearna:

Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,

Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan