Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig iad gu Màrah, cha b’urrainn iad uisgeachan Mhàrah òl, oir bha iad searbh; uime sin thugadh Màrah mar ainm air.

Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair.

Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh mu thimcheall nam fàidhean: Feuch, bheir mise dhaibh searbh-luibhean rin ithe agus uisge domblais ra òl; oir o fhàidhean Ierusaleim tha an‑diadhachd air dol a‑mach air feadh na tìre gu h‑iomlan.

Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, beathaichidh mise iad, eadhon an sluagh seo, le searbh-luibhean, agus bheir mi uisge domblais dhaibh ra òl.

Tha cuimhneachadh air m’àmhghar agus mo thruaighe na shearbhadas agus na dhomblas.

Thog e ann am aghaidh, agus chuartaich e mi le domblas agus le saothair.

Sibhse a tha a’ tionndadh breitheanais gu searbhadas, agus a’ leigeadh dhibh fìreantachd air an talamh.

An ruith eich air carraig? An treabhar i le daimh? Oir thionndaidh sibh breitheanas gu domblas, agus toradh an ionracais gu iteodha.

Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Air eagal gum biodh nur measg fear, no bean, no teaghlach, no treubh, a chlaonas a chridhe air falbh an‑diugh on Tighearna ar Dia, a dhol a dhèanamh seirbhis do dhiathan nan cinneach sin; air eagal gum biodh nur measg freumh a bheir uaithe mar thoradh nimh agus searbhas;

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.

Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile-chumhachdach gu ro‑gheur rium.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan