Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Chuir e a chomhairle ra uachdarain agus ra dhaoine cumhachdach, uisgeachan nan tobar a bha an taobh a‑muigh den bhaile a dhùnadh suas; agus chuidich iad leis.

An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte.

Cionnas a tha thu air tuiteam o nèamh, a reul dhealrach, a mhic na maidne! Cionnas a bha thu air do ghearradh sìos gu làr, thusa a thug fo ghèill na cinnich!

Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh-phòsda.

Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.

Garbh-thonnan na fairge, a sgeitheas an nàire fhèin mar chobhar; reultan seachranach, dom bheil duibhre an dorchadais gu sìorraidh air a thasgadh.

Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.

Agus thaom an treas aingeal a shoitheach anns na h‑aibhnichean agus anns na tobraichean uisge; agus rinneadh iad nam fuil.

Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.

Uime sin chaidh trì mìle fear de Iùdah sìos gu uaimh carraig Etaim, agus thubhairt iad ri Samson, Nach eil fhios agad gu bheil na Philistich nan uachdarain oirnne? Agus ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus thubhairt esan riu, Mar a rinn iadsan ormsa, mar sin rinn mise orrasan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan