Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 7:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.

Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:

Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh.

Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.

Is urramach thusa, is glòrmhor thu os cionn beanntan na creiche.

Ann an là mo theinn dh’iarr mi an Tighearna; shìneadh mo làmh a‑mach anns an oidhche gun sgur; dhiùlt m’anam sòlas a ghabhail.

Chuimhnich e a thròcair agus a fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìochan na talmhainn slàinte ar Dè.

O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.

Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh-chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas an droch chridhe fhèin.

Na dhèidh sin thomhais e mìle; agus bha e na shruth nach b’urrainn mi dol thairis air: oir bha na h‑uisgeachan air èirigh, uisgeachan airson snàmh annta, abhainn nach faodte dol troimhpe.

Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh.

An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh.

Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò.

Agus gabhaidh sibh dhuibh fhèin air a’ chiad là meas chraobhan àlainn, geugan chrann-pailme, agus geugan chraobhan tiugha, agus seileach an t‑srutha; agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia seachd làithean.

Gairmidh mise iad, agus cruinnichidh mi iad, oir shaor mi iad: agus meudaichidh iad, eadhon mar a mheudaich iad.

Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.

Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.

Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!

Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn-diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach.

Uime sin glacaibh dur n‑ionnsaigh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh a’ bhuairidh anns an droch là, agus air dhuibh na h‑uile nithean a dhèanamh a‑chum seasamh.

Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh.

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh-chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha.

Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.

Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi guth mòran aingeal timcheall na rìgh-chathrach, agus nam beò-chreutairean, agus nan seanairean; agus b’e an àireamh deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean:

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

De threubh Shabuloin sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Iòseiph sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Bheniàmin sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan