Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala mi àireamh na dream a sheulaicheadh: ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, a sheulaicheadh de uile threubhan chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.

Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Seo a’ chrìoch leis an sealbhaich sibh am fearann, a rèir dà‑threubh-dheug Israeil: bidh dà roinn aig Iòseph.

Agus nì a’ mhuinntir a fhrithealas don bhaile frithealadh dha à uile threubhan Israeil.

Agus bidh geatachan na cathrach a rèir ainmean treubhan Israeil, trì geatachan ris an àird a tuath; aon gheata do Reuben, aon gheata do Iùdah, aon gheata do Lèbhi.

Fàistneachd facal an Tighearna. Air fearann Hadraich, agus air Damascas gabhaidh i làmh: (oir tha sùil gach duine, agus uile threubhan Israeil, air an Tighearna).

Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus thubhairt an seirbhiseach, A thighearna, rinneadh mar a dh’òrdaich thu, gidheadh tha àite falamh ann fhathast.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.

Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.

Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.

De threubh Iùdah sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Reubein sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Ghad sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug.

Agus b’e àireamh armailtean a’ mharc-shluaigh fichead mìle de dheich mìltean: agus chuala mi an àireamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan