Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 7:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi aingeal eile ag èirigh on àird an ear, aig an robh seula an Dè bheò: agus ghlaodh e le guth mòr ris na ceithir aingil, don tugadh cumhachd cron a dhèanamh air an talamh agus air an fhairge,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh.

Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean-san, lasair ro‑gharg.

Cò a dhùisg suas an t‑ionracan on ear, a ghairm e a‑chum a choise, a chuir na cinnich na fhochar, agus a thug dha riaghladh thar rìghrean; a rinn iad mar an duslach ro a chlaidheamh, agus mar an asbhuain fhuadaichte ro a bhogha?

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.

Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.

Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.

Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.

Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall-daingnich an Spioraid nar cridheachan.

Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh:

Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa.

Oir cò den uile fheòil a chuala guth an Dè bheò a’ labhairt à meadhon an teine, mar a rinn sinne, agus a mhair beò?

Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall-ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh-se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor,

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.

Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.

Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.

Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.

Agus chunnaic mi aingeal treun a’ gairm le guth àrd, Cò as airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulachan fhuasgladh?

Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.

Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes.

Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan