A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;
Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi.
Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.
Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.
Nuair a bhios am bochd agus an t‑ainnis ag iarraidh uisge, agus nach bi e ann; agus a bhios an teanga air tiormachadh le tart; mise Iehòbhah freagraidh mi iad; Dia Israeil, is mi nach trèig iad.
Cha bhi acras no tart orra, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich-sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich-sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich-sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse:
Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.
Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum.
Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.
Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.
Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.