Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh, Amen: Moladh, agus glòir, agus gliocas, agus buidheachas, agus urram, agus cumhachd, agus neart gu robh dar Dia-ne gu saoghal nan saoghal. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia.

Agus na Lèbhithich: Iesua, Binui, Cadmiel, Serebiah, Iùdah, agus Mataniah, a bha os cionn nan laoidhean-molaidh, e fhèin agus a bhràithrean;

Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm;

Guma beannaichte an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Agus abradh an sluagh uile, Amen. Molaibh-se an Tighearna.

Agus gun ìobradh iad ìobairtean buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire!

Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.

Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia-ne air a’ chlàrsaich;

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen!

Iobair ìobairt-bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean don Tì as àirde.

Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor-san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!

Beannaichte gu robh an Tighearna gu sìorraidh! Amen agus Amen.

Thigeamaid na fhianais le buidheachas, agus le sailm togamaid ceòl dha gu suilbhireach;

Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith-buidheachais agus fonn ciùil.

Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.

Ach ìobraidh mise dhutsa le guth buidheachais; ìocaidh mi an nì sin a bhòidich mi; is ann don Tighearna a bhuineas slàinte.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith-buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?

Oir tha na h‑uile nithean air ur son-se, a‑chum gum biodh an gràs a tha saoibhir, tre bhuidheachas mhòran, ro‑phailt a‑chum glòir Dhè.

Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.

Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd-san.

Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen.

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan