Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart agus Slànaighear; chan eil ann ach mi.
Gidheadh is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, agus cha bhi aithne agad air dia air bith ach mise; oir chan eil slànaighear ann ach mi.
Cò thusa, O shlèibh mhòir? Ro Sherubabel fàsaidh tu ad chòmhnard; agus bheir e a‑mach a’ chlach-chinn le iolaich, a’ glaodhaich, Gràs, gràs gu robh dhi.
Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
Tha sibhse a’ dèanamh adhraidh don nì nach aithne dhuibh: tha sinne a’ dèanamh adhraidh don nì as aithne dhuinn: oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha slàinte.
Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.
Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:
Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas.
Agus fa chomhair na rìgh-chathrach bha fairge ghloine cosmhail ri criostal: agus ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus mun cuairt den rìgh-chathair, bha ceithir beò-chreutairean làn de shùilean air am beulaibh agus air an cùlaibh.