Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.
Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e am measg nan craobhan-miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna.
Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.
Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.
Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh-bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.
Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.
Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.
Agus bha cruth nan lòcast cosmhail ri eich air an ullachadh a‑chum catha; agus bha air an cinn mar gum biodh crùin cosmhail ri òr, agus bha an aghaidhean cosmhail ri aghaidhean dhaoine.