Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 6:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh.

Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn-abaich on chrann-fhìge.

Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.

Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia-ne tha slàinte Israeil.

Feuch, tha mise ann ad aghaidh. O shlèibh sgriosaich, deir an Tighearna, a tha a’ sgrios na talmhainn uile; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ort, agus iomainidh mi thu sìos o na creagan, agus nì mi beinn loisgte dhìot.

Air chor is gun criothnaich ann am làthair-sa èisg na fairge, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, agus na h‑uile nithean snàigeach a shnàigeas air uachdar na talmhainn, agus na h‑uile dhaoine a tha air aghaidh na talmhainn; agus tilgear na slèibhtean sìos, agus tuitidh na h‑ionadan àrda, agus tuitidh a h‑uile balla gu talamh.

Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd-àiteachaidh.

Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.

Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Agus theich gach uile eilean as, agus cha d’fhuaireadh na beanntan.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan