Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 6:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Crathaidh e dheth mar an fhìonain a fhìondhearcan anabaich, agus tilgidh e dheth mar an crann-ola a bhlàth.

Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.

Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.

Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn-abaich on chrann-fhìge.

Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.

Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas.

Ghlaodh e gu h‑àrd, agus thubhairt e mar seo, Geàrr sìos an crann, agus sgath dheth a gheugan, crath dheth a dhuilleach, agus sgap a thoradh; imicheadh na beathaichean o bhith fodha, agus an eunlaith o a gheugan.

Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Bidh d’uile dhaingnichean làidir mar chroinn-fhìge leis na ciad fhìgean abaich: ma chrathar iad, tuitidh iad ann am beul an tì a dh’itheas iad.

Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

Agus tuitidh reultan nèimh, agus bidh na cumhachdan a tha anns na nèamhan air an crathadh.

Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan