Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 6:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Ach imich thusa romhad gus an tig a’ chrìoch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean.

Agus bheir am bràthair a bhràthair fhèin suas a‑chum bàis, agus an t‑athair am mac; agus èiridh a’ chlann an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near gun cuirear gu bàs iad.

Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:

Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh.

Air do Dhia nì‑eigin as fheàrr a sholar dhuinne, ionnas nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe as ar n‑eugmhais-ne.

Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,

Oir an tì a chaidh a‑steach da shuaimhneas, ghabh esan tàmh o a obraichean, amhail a ghabh Dia o a obraichean fhèin.

Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:

Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh.

Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.

Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr.

Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan