Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

A Dhè, seinnidh mi dhut òran nuadh; air an t‑saltair, air inneal-ciùil nan deich teud, seinnidh mi moladh dhut.

Molaibh-se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh.

Canaibh dha òran nuadh; seinnibh fonn gu h‑ealanta, le fuaim àrd.

Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran-molaidh dar Dia: chì mòran e, agus bidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearna.

Canaibh don Tighearna laoidh nuadh; canaibh don Tighearna, a thìrean uile.

O seinnibh don Tighearna laoidh nuadh, oir rinn e nithean iongantach; dh’obraich a dheaslàmh agus a ghàirdean naomh slàinte dha.

Seinnibh don Tighearna òran nuadh; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta.

An sin ghlaodh fear-èighich gu h‑àrd, Dhuibhse tha e air àithneadh, O shluaigh, fhineachan, agus a theangannan,

Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh.

Agus airson na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h‑uile shlòigh, fhineachan, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an tì a b’àill leis, agus an neach a b’àill leis chumadh e beò, agus an neach a b’àill leis chuireadh e suas, agus an neach a b’àill leis chuireadh e sìos.

An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh.

Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.

Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le ur corp, agus le ur spiorad, as le Dia.

Cheannaicheadh le luach sibh; na bithibh nur seirbhisich do dhaoine.

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;

A’ labhairt ribh fhèin ann an sailm, ann an laoidhean, agus ann an dàin spioradail, a’ seinn agus a’ dèanamh ciùil nur cridhe don Tighearna:

Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:

Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Oir an dream a tha ag ràdh nan nithean sin, tha iad a’ nochdadh gu soilleir gu bheil iad ag iarraidh dùthcha.

Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.

Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.

Agus thubhairt e rium, Is èiginn dhut a‑rìs fàidheadaireachd a dhèanamh am fianais shlògh, agus chinneach, agus theangaidhean, agus rìghrean lìonmhor.

Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean.

Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh,

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.

Ag ràdh le guth àrd, Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan