Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 5:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus sheas dà‑leòmhann-dheug an sin air na sia ceuman, air an taobh seo agus air an taobh ud: cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.

Agus bha sia ceumannan aig an rìgh-chathair agus cas-stòl òir, air an tàthadh ris an rìgh-chathair, agus làmhan air gach taobh den àite-shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan.

Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann;

Agus thig geug a‑mach o bhonn Iese, agus fàsaidh faillean suas as a fhreumhan.

Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor.

Mar seo deir an Tighearna, Cùm do ghuth o chaoidh, agus do shùilean o dheòir; oir gheibh do shaothair duais, deir an Tighearna, agus thig iad a‑rìs o thìr an nàmhaid.

Thàinig mi am fagas do aon dhiubhsan a sheas dlùth, agus dh’fheòraich mi dheth brìgh an iomlain dheth seo: an sin dh’innis e dhomh, agus thug e fios dhomh air brìgh nan nithean.

Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.

Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon-sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne:

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal.

Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e.

Mu thimcheall a Mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna, a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla;

Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.

Oir is soilleir gur ann o Iùdah a dh’èirich ar Tighearna, treubh air nach do labhair Maois nì air bith a‑thaobh sagartachd.

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,

Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,

Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Agus ghuil mi gu mòr, do bhrìgh nach d’fhuaireadh aon neach a b’airidh air an leabhar fhosgladh, agus a leughadh, no sealltainn air.

Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.

Agus fhreagair aon de na seanairean, ag ràdh rium, Cò iad sin a tha air an sgeadachadh le trusganan fada geala? Agus cia as a thàinig iad?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan